Nóvita (Chocó)
Nóvita
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
![]() | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Roinn | ![]() | ||||
Àirde | 70m | ||||
Co-chomharran | 04º 57' 21' Tuath 76 º 36' 59' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,327 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,867 (2005) | ||||
Dlùths | 5.93/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile beag ann an Chocó, Coloimbia,[1] a th' ann Nóvita. Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha eadar Oirthir a’ Chuain Sèimh agus Beanntan na h-Andes, 132km air falbh bho Quibdó, prìomh-bhaile na roinne. Tha àirde mheadhanach dhe 70m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1709.
Sluagh a' bhaileDeasaich
Ged a tha 7,867 nan tàmh anns a' bhaile, tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 5,306, a' fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-sluaigh gu math traidiseanta a th' ann an Nóvita fhathast.
Taobh chinnidh, 's e daoine le freumhan ann an Afraga a th' ann a’ mhòr-chuid dhe (93.5%) dhe na daoine ann an Nóvita, ach tha 5.5% dhe Tùsanaich agus 1% dhe daoine geala/mestizos cuideachd. 'S urrainn dhan 60% dhe na daoine ann an Nóvita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig ach 7% dhe na dachannan.[4]
FèiseanDeasaich
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Nóvita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Daoine AinmeilDeasaich
Carlos Holguín (1832 – 1894): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1888 agus 1892.