Leòdhas
Leòdhas | |
Eilean Leòdhais | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Comhairle nan Eilean Siar |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Siar |
Co-chomharran | 58° 13′ 11.25″ T 6° 23′ 2.93″ I |
Comharradh-clèithe | NB426340 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,769 km² |
Àireamh-shluaigh | 18,489 (2001) |
Dlùths | 10.45/km² |
Tha Leòdhas no Eilean Leòdhais na phàirt de Innse Gall. 'S e Leòdhas an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Siar: 1,770 cilemeatair ceàrnach.[1] 'S e Steòrnabhagh an aon bhaile air an eilean le barrachd na 5,000 daoine a' fuireach ann. Tha Leòdhas na phàirt dhen eilean ceudna mar na Hearadh.
An t-Ainm
deasaichTha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm, Leòdhas, a' tighinn às an t-Seann Lochlannais, agus gu bheil e a’ ciallachadh Ljoðahús ("taigh-ciùil").[2] Tha far-ainm aig Leòdhas, "Eilean an Fhraoich" a tha ri chleachdadh ann an co-theacsa cultarachd agus ann am bàrdachd ach tha sin a' buntainn ri Leòdhas agus Na Hearadh.
Cruinn-eòlas
deasaichTha Am Bac, Nis, Na Lochan, An Rubha, Ùig, A' Phàirc, Càrlabhagh, agus Steòrnabhagh ’nan sgìrean ann an Leòdhais. Tha ceithir parraistean ann: Barabhas, Na Lochan, Steòrnabhagh, agus Ùig.
Àiteachan
deasaichNa h-eileanan beaga
deasaichSeo feadhainn de na h-eileanan beaga a tha faisg air Leòdhas:
- Beàrnaraigh Mòr, Beàrnaraigh Beag, Bearasaigh, Bhacsaidh
- Campaigh, Ceabhaigh, Cealasaigh
- Eilean Chaluim Chille, Eilean Liubhaird, Eilean Stocainis, Na h-Eileanan Seunta, Eilean Phabail, Eilean Chearstaidh, Eilean Mhealasta
- Fuaigh Beag, Fuaigh Mór, Flodaigh, Flodaigh, Loch Róg
- Pabaigh Mór
- Rainis Eilean Mór
- Seanna Chnoc
Eachdraidh Eilean Leòdhais
deasaichTha e coltach gun robh mac-an-duine a' fuireach ann an Leòdhas o chionn 8,000 bliadhna, oir chaidh rudan a lorg ann an riasg a tha a' ciallachadh gun deach coillteach a losgadh, gus am bi cluaintean ann airson fèidh. Tha fianais àrc-eòlach as sine a' tighinn bho 3,000 ro Chrìosta (5 000 bliadhna air ais). Aig an àm seo, thòisich daoine a bhith a' stèidheachadh thuathanasan maireannach. Chaidh taighean a thog na daoine seo a lorg air feadh nan Eilean Siar, gu sònraichte aig Dail Mhòr, Càrlabhaigh. Chaidh na Tursachan Chalanais, agus àiteachan eile mar seo, a thogail aig an àm seo cuideachd.
Mu 500 RC, thòisich Linn an Iarainn anns an eilean. Dh'fhàs na togalaichean na bu mhotha, agus thòisich daoine a' togail bhruighean, mar eisimpleir Dùn Chàrlabhaigh. Nuair a thàinig na Scotti (mar a chanadh ri na Gàidheal aig an àm seo), thog iad Gàidhlig dha Leòdhas. Anns an 6mh linn agus rè na linntean às dèidh sin, bha Crìostaidheachd air a sgaoileadh tro na h-eileanan.
Anns an 9mh Linn, thòisich na Lochlannaich a’ tuineachadh ann an Leòdhas. Phòs iad muinntir an àite agus dh’iompachadh iad gu Crìostaidheachd. Aig an àm seo, bha Leòdhas ’na phàirt de Rìoghachd Eilein Mhanainn agus nan Eilean, agus gu h-oifigeil, ’na phàirt de Rìoghachd Nirribhidh. 'S ann aig an àm sin a chruthaicheadh Fir-thàileisg Leòdhais a chaidh a lorg ann an Ùig ann an 1831. Tha buaidh nan Lochlannach gu sònraichte follaiseach anns na h-ainmean-àite: mar eisimpleir "Pabail" no "Nis". Anns an 13mh Linn, fhuair Rìoghachd na h-Alba Leòdhas agus na h-Eileanan Siar air fad, oir chaidh Cùmhnant Pheairt aontachadh ann an 1266 agus phàidh rìgh na h-Alba, Alasdair III, èirig do rìgh Nirribhidh, gus am biodh na h-Eileanan Siar agus Eilean Mhanainn fo smachd na h-Alba.[3] Ghlèidh Nirribhidh Arcaibh agus Sealtainn, ge-tà. Anns an 14mh Linn, bha Tighearnas nan Eilean glè chumhachdach. Bha na tighearnan stèidhichte ann an Ìle, ach bha iad a' riaghladh thairis air Innse Gall.
An toiseach, bha Leòdhas fo smachd Clann MhicLeòid, ach às dèidh bhliadhnaichean làn strì agus chogaidhean eadar na cinnidhean (fiù 's anns na cinnidhean fhèin), dh'arfantaich an rìgh Seumas VI fearann Clann MhicLeòid ann an 1597, agus thug e am fearainn do thuinichean Gallda, gus am biodh iad a' toirt buaidh Ghallda air na h-eileanan. Cha robh na tuinichean Gallda soirbheachail ge-tà, agus cheannaich Clann MhicChoinnich à Ceann an t-Sàile am fearann ann an 1609.
Às dèidh Bliadhna Theàrlaich (1745), bha an riaghaltas a' feuchainn ris a’ Ghàidhlig a lagachadh, agus bha fèilidhean mì-laghail. Dh'imrich mòran a-null thairis, gu h-àraid a dh'Astràilia agus a dh'Aimearaga a Tuath. Ann an 1844, cheannaich Seumas MacMhathain (Sir James Matheson) Leòdhas. Eadar 1847-57, thog MacMhathain Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh. Air tàilleibh gort agus atharrachaidhean ann an cleachdadh-fearainn, dh'imrich barrachd dhaoine a-null thairis. Ach cha do dh'fhàs cùisean na b’ fheàrr don feadhainn a dh'fhuirich, oir bha na morairean ag iarraidh an fearainn a' cleachdadh airson chaoraich agus mar bheinn-sheilg.
Ag àm a' Chiad Chogaidh, bha mìltean de Leòdhasaich an sàs anns a' chòmhraig. Nuair a bha an cogadh seachad, bha na saighdearan a thàinig beò a' dol air ais dha Leòdhas air HMY An Iolaire. Tràth sa mhadainn Là na Bliadhna Ùire 1919, bha faisg air 300 daoine air bòrd, eadar sheòladairean agus shaighdearan. Faisg air cladach Steòrnabhaigh, chaidh an Iolaire às an rathad agus chaidh a mhilleadh air Biastan Thuilm. Chaidh barrachd is 200 daoine bhàthadh. Aig àm an dàrna cogaidh, bha iomadh Leòdhasach an sàs anns an Chabhlach Rìoghail agus anns a’ Chabhlach Marsantachd.
Ann an 1917, cheannaich Morair Leverhulme Leòdhas, oir bha dùil aige baile gnìomhachail a dhèanamh de Steòrnabhagh, le factaraidh. An toiseach, bha daoine gu math measail air na planaichean aige, ach nuair a bha Leverhulme an aghaidh ath-tuineachaidh, thòisich strì an fhearainn a-rithist, gu h-àraidh aig tuathanasan ann an Col, Griais agus Tunga. Tha carraighean-cuimhne anns na bailtean a tha a' cuimhneachadh Strì an Fhearainn a bha, aig deireadh an latha, soirbheachail. Dh'fhàg Morair Leverhulme Leòdhas agus thòisich e pròiseact ùr anns na Hearadh.
Làraichean Eachdraidheil
deasaichCaisteal Leòdhais
deasaichChaidh Caisteal Leòdhais thogail sa bhliadhna 1847 air taobh tuath caladh Steòrnabhaigh ann an Leòdhas. Tha Colaiste a’ Chaisteil a-nis air fearann aʼ Chaisteil.
Clach an Truiseil
deasaich'S e tursa as àirde ann an Alba a th' ann an Clach an Truiseil, faisg air Baile an Truiseil.
Dùn Chàrlabhaigh
deasaichTha Dùn Chàrlabhaigh, brugh ro-eachdraidheil, air a dhèanamh suas, le ionad turasachd.
Dùn Èistean
deasaich'S e eilean a th' ann an Dùn Èistean, faisg air am baile Cnoc Àrd ann an sgìre Nis. B' àbhaist do theaghlach cumhachdach a bhith a' fuireach ann, Clann MhicGilleMhoire. Tha dà làrach ann agus linne fhuadain.
Tursachan Chalanais
deasaich'S e aon de na làraichean eachdraidheil as ainmeile a th' anns na Tursachan Chalanais.
Riaghaltas ionadail
deasaichFoghlam
deasaichBun-sgoiltean
deasaichTha na sgoiltean ann an Leòdhas uile stèidhichte fon ùghdarras Comhairle nan Eilean Siar. Tha 22 bun-sgoiltean air feadh na h-Eileanan Siar agus tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ri fhaighinn ann an 15 dhiubh. 'S e seo na bun-sgoiltean ann an Leòdhas fhèin.
- Bun-sgoil Steòrnabhaigh
- Bun-sgoil Lacasdail
- Bun-sgoil Lìonail
- Bun-sgoil a' Bhac
- Bun-sgoil an Rubha
- Bun-sgoil an Taobh Siar
- Bun-sgoil Bhrèascleit
- Bun-sgoil Tholastaidh
- Bun-sgoil na h-Àirde
Àrd-sgoiltean
deasaich- Sgoil MhicNeacail - 's e àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh a th' ann agus tha e an àrd sgoil a-mhàin airson Leòdhas, agus tha e a' libhrigeadh foghlam àrd-sgoile eadar AS1 agus AS6 do dh'Leòdhas.
Foghlam àrd-ìre
deasaichTha Colaiste a' Chaisteil stèidhichte ann am Steòrnabhagh. 'S e tè de na com-pàirtichean ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha iad a' tabhainn chùrsaichean suas ri ìre ceum BA tro Sgeama na Gàidhlig. Tha Colaiste a’ Chaisteal air fearann a tha taobh ri Caisteal Leòdhais.
Cultar
deasaichTha iomadh iomairt is buidheann Gàidhlig stèidhichte ann an Leòdhas. Ann am Steòrnabhagh, tha cuid de na buidhnean Gàidhlig - Comunn na Gàidhlig, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, an t-Aonad Ioma-Mheadhan, agus Acair - suidhte ann an aon togalach, An Tosgan. Tha cuid de na tachartasan culturail a' gabhail àite anns An Lanntair (ionad ealain) agus An Taigh Cèilidh (ionad Gàidhlig).
Creideamh
deasaichTha na h-eaglaisean Pròstanaich gu math làidir ann an Leòdhas, gu sònraichte an Eaglais Shaor agus Eaglais na h-Alba.
Còmhdhail
deasaichTha feum ann airson deagh ceanglaichean siùbhal eadar an tìr-mòr agus an t-eilean agus mar sin tha bàta aiseag agus port-adhair aca aig a bheil chlàr-ama glè mhath. Tha am bàta-aiseag (MV Loch Seaforth) a' ruith gach latha bho Steòrnabhagh gu Ulapul agus tha e a' toirt dà uair a thìde is leth. Tha an t-seirbheis a' cuir dà thursan ann airson a' falbh agus a' tilleadh gach latha. Fhuair an t-eilean bàta-aiseag ùra ann an 2014 leis an ainm MV Loch Seaforth. Cuideachd tha port-adhair ann a tha stèidhichte dà mhìle a-mach à Steòrnabhagh ri taobh a' bhaile Mealabost. Tha itealaichean a' dol gu Obar Dheathain, Glaschu, Dùn Eideann, Beinn na Faoghla agus Inbhir Nis gach latha còmhla ri Flybe, Loganair agus Eastern Airways. Air an eilean fhèin tha ceanglaichean siùbhal poblach ann mar busaichean eadar gach sgìre agus Steòrnabhagh.
Daoine ainmeil à Leòdhas
deasaichSgrìobhadairean Gàidhlig
deasaich- Calum MacFhearghuis
- Calum MacLeòid, an t-Urr. (1881-1946)
- Calum MacMhaoilein
- Catrìona Lexy Chaimbeul
- Dòmhnall MacAmhlaigh
- Iain Mac a' Ghobhainn
- Ruaraidh MacThòmais
- Tormod Caimbeul
Seinneadairean Gàidhlig
deasaichMinistearan eaglaise
deasaich- Ailean Iain MacArtair (1928-2016)
- Calum MacLeòid, an t-Urr. (1881-1946)
- Jack MacArtair (1938-2002)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Thompson, Francis. Harris and Lewis (Newton Abbott. David & Charles, 1968), d.15.
- ↑ Iain Mac an Tàilleir. "Placenames: K-O". Pàrlamaid na h-Alba, 2003.
- ↑ https://web.archive.org/web/20130401145714/http://gaidhlig.educationscotland.gov.uk/scotlandshistory/makingthenation/alexanderiii/index.asp