An Sgìre as iomallaiche ann an Leòdhas.

'S ann à seo a thàinig an reubaltaich ainmeil Dòmhnall Cam MacAmhlaigh, a bha an-còmhnaidh a' cur dragh air muinntir Dhùn Chàrlabhaigh.

Tha Ùig nas coltaiche ris Na Hearadh 'na chruinn-eòlas, le móran bheanntan ri fhaicinn ann, agus mòran tràighean brèagha cuideachd. Gu dearbh, tha blas Gàidhlig diofraichte aig na Ùigich a tha nas coltaiche ri blas Hearach na blas Leòdhasach.

'S e Tràigh Ùige an tràigh as motha a th' ann, ach tha tràighean eile aig Mangarstaigh, Mealasta, Riof agus Bhaltos a tha uamhasach brèagha cuideachd. Chaidh na Fir-thàileisg Leòdhais a lorg an seo cuideachd anns an 19mh linn.

'S e Mealsabhal a' bheinn as àirde san sgìre, ach 's e Suaineabhal an té as brèagha, a' seasamh leatha fhèin ri taobh Loch Suaineabhal, loch fada is domhainn, beagan air falbh bho na beanntan eile.

Airson bhliadhnaichean bha crann mòr rèidio ag éirigh à Àird Ùige, far an robh ionad Feachd Adhair, ach dh'fhàs e meirgeach 's a-nis chan eil ach crann beag air mullach Fhorsnabhail.

A-rèir staitistearachd ann an 2001, b' urrainn do 68% Gàidhlig a bhruidhinn.[1]

Iomraidhean

deasaich
  1. Mac an Tàilleir, Iain (2004) 1901-2001 Gaelic in the Census (PowerPoint) Linguae Celticae. A tarraing air: 22 an t-Sultain 2010

Àiteachan ann an Sgìre Ùige

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich