An t-Urramach Ailean Iain MacArtair
’S e ministear agus comhairliche air taobh siar Rois a bha san Urr. Ailean Iain MacArtair (1928 - 2016) (Beurla: Allan Ian Macarthur).
An t-Urramach Ailean Iain MacArtair | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Grabhair, dhen Chèitean 1928 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Dùn Èideann, 30 dhen t-Samhain 2016 |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ministear |
Rugadh (sa Chèitean 1928) agus thogadh e ann am Marbhaig, Gràbhar, Leòdhas. Phòs e Oighrig NicLeòid air 7 an Dùbhlachd 1954. Bha a bhràthair Jack ’na mhinistear na h-eaglaise cuideachd, agus ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig.
Bha Ailean MacArtair na chlàrc ri clèir Loch Carrann agus an Eilein Sgitheanaich de dh'Eaglais na h-Alba fad cha mhòr 35 bliadhna, ’s e a’ fuireach ann an Loch Carrann. Bha e cuideachd air grunn chomataidhean eile na h-eaglaise san ùine sin.
Bha e ’na chomhairliche a’ riochdachadh sgìrean Loch Carrann agus a’ Chomraich air Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaigh anns na h-80an agus na 90an. Bha e cuideachd ’na bhall de dh’Ùghdarras nan Croitearan, Buidheann Iomairt Rois is Chrombaigh, Comann Taigheadais Albyn agus Comhairle Choimhearsnachd Loch Carrann.
Chaochail e ann an Dùn Éideann air 30 an t-Samhain 2016.