An Iolaire
'S e iacht a bh' anns an HMY An Iolaire. Chaidh a togail mar Iolanthe ann an 1881 le Ferguson's of Leith is b' e long-thoileachais a bh' innte ron Chogadh, nuair a chaidh gunnaichean a chur innte is chaidh i na bàta-faire timcheall air Sealtainn, Yarmouth is Portsmouth. Bha Mione is Amalthaea air mus chaidh ainmeachadh An Iolaire san Dàmhair 1918.[1]
Tràth sa mhadainn Là na Bliadhna Ùire 1919, bha faisg air 300 daoine air bòrd, seòladairean agus saighdearan a bha a' tilleadh dhachaidh às dèidh an Chiad Chogaidh.[2] Faisg gu chladach Steòrnabhaigh, chaidh an Iolaire às an rathad agus chaidh a mhilleadh air Biastan Thuilm. Chaidh barrachd air 200 daoine bhàthadh.[3]
Call na h-Iolaire sa bhàrdachd Ghàidhlig
deasaich- Anne Frater: Mo sheanmhair, a chaill a h-athair air an “Iolaire”, oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919[4]
- Murchadh MacPhàrlain: 'Raoir Reubadh an Iolaire'
- Ruaraidh MacThòmais
- Iain Mac a' Ghobhainn
Iomraidhean
deasaich- ↑ “HMY Iolaire”. BBC. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ http://www.bbc.co.uk/alba/tbh/iolaire/
- ↑ “Iolaire: Cuimhneachain air tubaist na h-Iolaire”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Obair an luchd-ealain”. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2018.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Alba: Foghlam: An Iolaire (fiosrachadh, dealbhan, agallamhan)
- Iolaire: Cuimhneachain air tubaist na h-Iolaire, goireas air loidhne aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
- Tobar an Dualchais: Òran na h-Iolaire
- Tobar an Dualchais: Òran Gàidhlig ag innse mar a chaidh an Iolaire fodha
- Tobar an Dualchais: Òran Beurla ag innse mar a chaidh an Iolaire fodha
- BBC Naidheachdan 2016-06-02: Leabhar ùr mun Iolaire
- BBC Naidheachdan 2017-02-28: Tha ùghdaran aʼ coimhead airson deilbh co-cheangailte ris an Iolaire (aithris-bhideo 2:30)