Am Baile Sear
'S e Am Baile Sear (Beurla: Baleshare) eilean anns na h-Eileanan Siar. Tha e an iar-dheas air Uibhist a Tuath.

Tha e gu math rèidh agus chan eil e ag èirigh ach 12 meatairean os cionn ìre na mara.
Tha e aithnichte airson tràigh fada. Tha dà chlachan ann, Samhla agus Teananachar. Tha 49 daoine a' fuireach ann.
Thogadh cabhsair eadar an t-eilean agus Uibhist ann an 1962 le William Tawse Ltd.[1]
Bailtean deasaich
Ainm deasaich
Chan eil Baile Siar ann an Uibhist a-nis ach 's math dh'fhaoidte gun robh 'baile siar' ann cuideachd. Thathar ag ràdh gun robh eilean eile ann air am faodadh coiseachd dha na h-Eileanan Heisgeir nuair a bha an tràigh aig ìosal a chaidh a sguabadh às anns an 16 linn.
Tha na h-Eileanan Heisgeir 15 cilemeatairean air an taobh an iar.
Seann Eachdraidh deasaich
Tha dà chlachan ro-eachdraidheil air an lorg ann. Tha tobhtaichean de seann taigh cloiche agus criomagan de dh'obair-chrèadha, cnàmhan agus meatailt.[2]
Daoine Ainmeil deasaich
- John Fergusson, fear-poilitigs Alba Nuadh.[3]
Iomraidhean deasaich
- ↑ “Baleshare Causeway”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 18mh dhen Lùnasdal 2007.
- ↑ Barber, John (2003) Bronze Age Farms and Iron Age Farm Mounds of the Outer Hebrides. Scottish Archaeological Report 3. Retrieved 18 August 2007.
- ↑ The Canadian parliamentary companion, HJ Morgan (1874)