'S e ùghdar Gàidhlig a th' ann an Calum MacMhaoilein no Calum MacIlleMhaoil. 'S ann à Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas a tha e.

Calum MacMhaoilein
Beatha
Breith A' Phàirc
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus eadar-theangair

Tha cuid mhath den a sgrìobhaidhean a' dèiligeadh ri Leòdhas agus eachdraidh an eilein. Tha an nobhail A' Sireadh an Sgadain (1990) a' toirt iomradh air iasgadh thairis air trì ginealaich o dheireadh an 19mh linn.[1]

Choimhead e air eilthireachd air a' Mhetagama ann an Saoghal Ùr (1992). Thug e iomradh air na Fìobhaich a thàinig a Leòdhas anns an 17mh anns Na Fìobhaich (1993).

Chuir e dreach Gàidhlig air an òran ainmeil 'Flower of Scotland' ann an 1975.

Sgrìobh e cuideachd tòimhseachan-tarsainn airson Gairm.

Leabhraichean do dh'òigridh

deasaich

Sgrìobh MacMhaoilein trì leabhraichean airson an t-sreath 'Leabhraichean Geala'. B' e sreath de leabhraichean ficsean do dh'òigridh (no deugairean) a bh' ann a dh'fhoillsich a' Bhuidheann airson na Gàidhlig san Àrd-sgoil (SRG). Anns an sreath sgrìobh MacMhaoilein Na Fògarraich (1990), Saoghal Ùr (1992), agus Na Fìobhaich (1993).

An uair sin, bha an sreath 'Na Solais' ann. Thug Sgeama Tabhartasan Sònraichte na Gàidhlig aig Roinn Foghlam na h-Alba cothrom do dh'ùghdarrasan ionadail, tro Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 's do Acair co-obrachadh gus na leabhraichean seo a thoirt gu bith. Sgrìobh MacMhaoilein Am Fear Farchluais (2000) san t-sreath seo.

Sgrìobhaidhean

deasaich

Nobhailean

deasaich
  • Sgeulachd eachdraidheil a tha stèidhichte air beatha iasgair a bha ag iasgach an toiseach le bàta-siùil agus an dèidh sin le tè de bhàtaichean an fhicheadamh linn. 'S ann ann an Grabhair, ceann a deas na Loch ann an Leòdhas, a tha an sgeulachd air a stèidheachadh. Tha pàirt den sgeulachd mu dhaoine a bha ann dha-rìribh ach tha a' mhòr-chuid de na daoine air an dèanamh an-àirde, mar shamhla air a h-uile iasgair a bha ris an obair.
  • Nobhail mu theaghlach a chaidh fhuadach à aon cheàrnaidh de Chataibh gu ceàrnaidh eile. Ag innse mu bheatha bàs agus dòigh-beatha an teaghlaich. Dh'fhalbh cuid dhiubh gu ruig Canada 's tha sinn a' faicinn mar a chaidh dhaibh an sin. Fhuair an leabhar seo duais an litreachais aig Mòd 1991. Sreath: Leabhraichean Geala.
  • Tha dithis caraidean, Calum agus Aonghas, a' fàgail Leòdhas air a' Mhetagama às dèidh a' Chiad Chogadh. Còmhla ri iomadach duine eile tha iad a' seòladh gu ruige Canada airson beatha ùr a dhèanamh an sin. Sreath: Leabhraichean Geala.
  • Na dealbhan le Dòmhnall R MacThòmais.
  • Aig deireadh an t-siathamh linn deug shiubhail mu shia ceud Fìobhach a Leòdhas gus sealbh a ghabhail air an eilean le cead bhon Rìgh Seumas VI. Ach cha b' ann gun strì a bha an turas agus bha aca ri sabaid an aghaidh nan Leòdach. Sreath: Leabhraichean Geala
  • Tha an sgeulachd seo cuideachd ri fhaighinn air CD. Sreath: Na Solais

Sgeulachd goirid

deasaich
  • ' An trì-cheàrnag.' Gairm, àireamh 133, 1985 (Geamhradh) td 55.
  • Sgeulachd mu dhithis fhear a bha a' suirghe air nighean. Stèidhichte air seann òran tàlaidh, 'Gur milis Mòrag'.
  • ' Mairead ni' Dhonnchaidh.' Gairm, àireamh 141, 1987 (Geamhradh) td 59.
  • Sgeulachd à Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas mu seilch no uilebheist a bha san sgìre sin.
  • 'Title Torcall.' Gairm, àireamh 144, 1988 (Foghar) td 348.
  • Sgeulachd mu fhear a bha a' fuireach ann an Grabhair ann an Sgìre na Pàirc a chaidh a thoirt an grèim le luchd-glacaidh a' Chabhlaich Rìoghail agus an uair a fhuair e air ais an ceann seachd bliadhna bha tanasg air a thòir.
  • 'Tilleadh Sìne.' Gairm, àireamh 147, 1989 (Samhradh) td 231.
  • Sgeulachd mar gum biodh dithis mhnathan air a thighinn air ais mar thanasgan.
  • 'Am poidsear.' Gairm, àireamh 149, 1989 (Geamhradh) td 52.
  • Sgeulachd mu phoidseadh.
  • 'Bàs Flòraidh.' Gairm, àireamh 160, 1992 (Foghar) td 351.
  • 'Seonag Sheumais Ruaraidh.' Gairm, àireamh 164, 1993 (Foghar) td 329.
  • Sgeulachd mu Sheonag Sheumais Ruaraidh a rugadh ann an Grabhair, Leòdhas anns a' bhliadhna 1924. Tha an sgeulachd seo mu thuras a ghabh Seonag air bàt'-iasgaich.
  • 'An speuradair Albannach.' Gairm, àireamh 179, 1997 (Samhradh) td 242-245.
  • Sgeulachd ghoirid mu speuradairean agus mu ghaol.
  • MacMhaoilein, Calum & Peigi. 'Na maraichean - 1.' Gairm, àireamh 166, 1994 (Earrach) td 150.
  • MacMhaoilein, Calum. 'Na maraichean - 2.' Gairm, àireamh 167, 1994 (Samhradh) td 261.

Eachdraidh

deasaich
  • ' Anndra Siobaileig.' Gairm, àireamh 146, 1989 (Earrach) td 109.
  • Sgeulachd mu Anndra Siobaileig, fear bho taobh siar Leòdhais leis an do dh'fhalbh na Frangaich san ochdamh linn deug.
  • ' A' sireadh nan liùgh.' Gairm, àireamh 148, 1989 (Foghar) td 360.
  • Sgeulachd mu bhith ag iasgach ann an Leumrabhagh ann an Leòdhas.
  • 'Prìosanach cogaidh. — Tobruk 's an Eadailt.' Gairm, àireamh 150, 1990 (Earrach) td 109.
  • Aithris air an dara chogadh tro shùilean Chaluim MhicMhaoilein fhèin. Le dealbhan dhe fhèin.
  • 'Turas Thormoid gu Leumrabhagh.' Gairm, àireamh 152, 1990 (Foghar) td 350.
  • 'Latha an dupaidh.' Gairm, àireamh 153, 1990 (Geamhradh) td 82.
  • Iomradh air latha an dupaidh ann an Grabhair, Leòdhas.
  • 'Eilean Bhancùbhair.' Gairm, àireamh 157, 1991 (Geamhradh) td 28.
  • Aithris air turas a ghabh Calum MacIlleMhaoil gu ruige Eilean Bhancùbhair a thadhal air an teaghlach aige. Le dealbhan.
  • 'Stìomrabhagh.' Gairm, àireamh 159, 1992 (Samhradh) td 226.
  • 'Bàthach Mhurchaidh.' Gairm, àireamh 163, 1993 (Samhradh) td 226.
  • Sgeulachd mu thubaist a thachair ann an Ceann an Loch, Grabhair, Leòdhas o chionn bhliadhnachan. Chaidh bàthach le Murchadh 'an Thàboist na teine. Cha robh dòigh air an teine a chur às ach le uisge às na tobraichean no à Abhainn Cheann Loch.
  • 'Eilean Bhancùbhair - 2.' Gairm, àireamh 171, 1995 (Samhradh) td 209.
  • Iomradh air turas eile a ghabh e gu Eilean Bhancùbhair ann an Canada. Le dealbhan.

Eadar-theangachaidhean

deasaich
  • 1975. 'O Flùr na h-Alba. — Flower of Scotland.' Gairm, àireamh 90, leabhar 23, 1975 (Earrach) td 120. - Eadar-theangachadh den òran a sgrìobh na Corries.

Tòimhseachan-tarsainn

deasaich
  • 'Tòimhseachan-tarsainn.' Gairm, àireamh 143, 1988 (Samhradh) td 286.
  • 'Tòimhseachan-tarsainn.' Gairm, àireamh 145, 1988 (Geamhradh) td 93.
  • 'Tòimhseachan-tarsainn.' Gairm, àireamh 146, 1989 (Earrach) td 190.

Iomraidhean

deasaich
  1. Macleod, Michelle & Moray Watson. 2007. 'The Gaelic Short Story, Novel and Drama' ann an The Edinburgh History of Scottish Literature Vol. 3 deas. le Ian Brown (Edinburgh: EUP), d.279.