'S e tidsear agus sgrìobhadair a bha ann an Iain Mac a' Ghobhainn (1 am Faoilleach 192815 an Dàmhair 1998), a bha cuideachd a' cleachdadh an ainm Bheurla Iain Crichton Smith. Sgrìobh e bàrdachd, nobhailean, sgeulachdan goirid is dealbhan-cluiche sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Iain Mac a' Ghobhainn
Beatha
Breith Glaschu, 1 dhen Fhaoilleach 1928
Dùthaich  Alba
Bàs 15 dhen Dàmhair 1998
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Duaisean a fhuaras
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm4247671

Sgeul-beatha

deasaich

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1928, ach bha a phàrantan à Leòdhas agus ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e fhathast òg, ann an 1930. Thogadh e ann am Pabail, an aon bhaile far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais agus Anna Frater. B' e Gàidhlig am prìomh chànan aige. Bhàsaich athair leis a' chaitheamh. Chaidh e do Sgoil Phabail, Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh is rinn e ceum ann an Oilthigh Obar Dheathain ann am Beurla. Cheumnaich e ann an 1949. Rinn e seirbheis nàiseanta agus às dèidh na seirbheise, bha e ag obair mar thidsear ann am Bruaich Chluaidh agus, airson bhliadhnaichean, anns an Oban. Dh'fhàg e Àrd-Sgoil an Òbain ann an 1977, oir bha e ag iarraidh a bhith a' sgrìobhadh làn-thìde. Nuair a phòs e Donalda Gillies Logan, ghluais iad gu Taigh an Uillt. Ann an 1980, fhuair e OBE. Gu mì-fhortanach, thàinig aillse air agus chaochail Iain Mac a' Ghobhainn ann an 1998, nuair a bha e 70 bliadhna a dh'aois.

Cuspairean

deasaich

Bha ùidh aig Mac a' Ghobhainn ann am Fuadach nan Gàidheal: tha an nobhail Beurla aige, Consider the Lilies, an dealbh-chluich Gàidhlig, A' Chùirt, is an dàn Gàidhlig a' làimhseachadh a' chuspair seo.

Leabhar-chlàr

deasaich

Bàrdachd Ghàidhlig

deasaich
  • Bìobuill is Sanasan Reice (Glaschu: Gairm, 1965)
  • Eadar Fealla-dha is Glaschu (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1974)
  • Na h-Eilthirich (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1983)
  • An t-Eilean agus an Cànan (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1987)

Rosg Gàidhlig

deasaich
  • 'An Coigreach', Gairm 25 (1958): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (133-138).
  • Bùrn is Aran (1960) 'An Duine Dubh', 'Bùrn': cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (deas. le Dòmhnall Iain MacÌomhair, Glaschu: Gairm, 1985, 102–103, 167–171).
  • An Dubh is an Gorm (Obair-Dheadhain: Oilthigh Obair-Dheadhain, 1963). 'An Comhradh', 'Aig a' Chloich-Chuimhne', 'An Taghadh': cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (113–115, 127–129, 150–154)
  • 'Ioseph', Gairm 43 (1963): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (11-13).
  • Iain am Measg Nan Reultan (1970)
  • Maighstirean is Ministearan (1970)
  • An t-Adhar Ameireaganach (1973)
  • Rabhdan is Rudan (1973)
  • An t-Aonaran (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1976)
  • 'Mairead', Gairm 120 (1982): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (41-43).
  • Bùrn is Aran (1987)
  • A' Bheinn Oir (1989)
  • Na Speuclairean Dubha (1989)
  • Turas tro Shaoghal Falamh (1991)
  • Na Guthan (1991)
  • An Dannsa mu Dheireadh (1992)

Dealbhan-cluiche sa Ghàidhlig

deasaich
  • A' Chùirt.

Bàrdachd sa Bheurla

deasaich
  • The Long River (1955)
  • Deer on the High Hills (1962)
  • The Law and the Grace (1965)
  • Love Poems and Elegies (1972)
  • The Exiles (1984)
  • The Village and Other Poems (Manchester: Carcanet Press, 1989)

Nobhailean sa Bheurla

deasaich
  • Consider the Lilies (1968)
  • The Last Summer (1969)
  • The Permanent Island (1975)
  • An End to Autumn (1978)
  • In the Middle of the Wood (1987)
  • Thistles and Roses (1961)
  • At Helensburgh (1968)
  • From Bourgeois Land (1969)
  • Survival Without Error (1970)
  • My Last Duchess (1971)
  • Goodbye Mr Dixon (1974)
  • Hami Autumn (1974)
  • The Notebooks of Robinson Crusoe (1975)
  • River, River (1978)
  • On the Island (1979)
  • Murdo (1981)
  • A Field Full of Folk (1982)
  • The Search (1982)
  • Mr Trill in Hades (1984)
  • The Tenement (1985)
  • A Life (1986)
  • The Dream (1989)
  • An Honourable Death (1992)

Sgeulachdan Goirid sa Bheurla

deasaich
  • The Black and the Red (1970)
  • The Hermit and Other Stories (1977)
  • "Greater Love" ann an The Grafton Book of Scottish Short Stories (deas. le James Campbell. London: Grafton Books, 1984. pp. 227-235)

Bàrdachd Cruinnichte

deasaich
  • Selected Poems (1970)
  • Selected Poems 1955–1982 (1982)
  • Selected Poems (1985)
  • Selected Poems (1990)
  • Collected Poems (1992)

Aistean

deasaich
  • The Golden Lyric: an Essay on the Poetry of Hugh MacDiarmid. 196;7
  • Towards the Human: Selected Essays. Edinburgh: MacDonald,1986.
  • ann an The Literature or Region and Nation. 1989. R. P. Draper (deas.) London: MacMillan; New York: St. Martin's Press.

Eadar-theangachadh

deasaich

Mar neach-deasachaidh

deasaich
  • Moments in Glasshouses (1987)
  • còmhla ri C. King: Twelve More Modern Scottish Poets (1986)

Aistean sgoilearachd mu a dhèidhinn

deasaich
  • Frederic Lindsay (1977) "Disputed Angels. The Poetry of Iain Crichton Smith." Akros 12:3 December, 15-26.
  • John Blackburn. The Poetry of Iain Crichton Smith. Glasgow: Association for Scottish Literary Studies, 1993.
  • Colin Nicholson (deas.). Iain Crichton Smith: Critical Essays. 1992.
  • Carol Gow (deas.). Mirror and marble: the Poetry of Iain Crichton Smith. 1992.
  • Jon Sanders (2015) 'The Ecology of Iain Crichton Smith's 'High Hills'', Scottish Literary Review 7:1, 75-88.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich