Steòrnabhagh
Steòrnabhagh | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Na h-Eileanan Siar |
Co-chomharran | 58° 12′ 32.65″ Tuath 6° 23′ 13.84″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 8,055 (2001) |
Àireamh fòn | 01851 |
Tha mu 8000 neach nan còmhnaidh an Steòrnabhagh, prìomh-bhaile nan Eileanan Siar o chionn 1974, agus a h-aon baile a tha nas motha na bhaile-fearainn an Innse Gall. Tha na prìomh oifisean aig Comhairle nan Eilean Siar suidhichte anns an "White House". Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns a' bhaile fhèin ann an 2001, 2005 is 2016. 'S e Sgoil MhicNeacail an àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh.

Inbhe na Gàidhlig Deasaich
Ged a tha a' Ghàidhlig coitcheann (Tha a' Ghàidhlig aig corr agus 60% de muinntir Leòdhais), tha am baile fhèin làn Ghall agus mar sin 's e Beurla am prìomh chànan a th' air a chleachdadh agus 's e Steòrnabhagh aon de na h-àitean 'sna h-eilean far a bheil na clàran-seòlaidh air an sgrìobhadh gu h-àraid 'sa Bheurla seach 'sa Ghàidhlig.
Buidhnean agus tachartasan Gàidhlig Deasaich
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Steòrnabhagh/Na h-Eileanan Siar anns na bliadhnaichean 1979, 1989, 2001, 2005, 2011 agus 2016.
Giùlan Deasaich
'S e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Ulapul air a' mhòr-thìr le Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha dà aiseig air an rathad, aon airson neach-siubhail agus agus fear eile airson lòd. Tha port-adhair aige, Port Adhair Steòrnabhagh a tha suidhichte mu 2 mhìle air falbh bhon bhaile fhèin, faisg air Mealabost. Tha itealan a' dol gu Inbhir Nis agus Glaschu gach latha.
Àitean ann an Steòrnabhagh Deasaich
Daoine Ainmeil Deasaich
- Calum Dòmhnallach (1956). Neach-poileataigs.
- Lewis Dòmhnallach (1957). Neach-poileataigs.
Ceanglaichean a-mach Deasaich
- BBC Naidheachdan 2013-11-12: £8m ga chosg a' leasachadh Port Steòrnabhaigh
- BBC Naidheachdan 2014-04-17: Taic-airgid do chaladh Steòrnabhaigh
- BBC Naidheachdan 2016-01-07: Soitheachan mòra an Steòrnabhagh (aithris bhideo 2:17)
- BBC Naidheachdan 2016-02-11: “Fìor-dhroch bhuaidh” à dùnadh taigh-spadaidh
- BBC Naidheachdan 2016-06-14: Eaglais no craobhan? (aithris-bhideo 2:25)
- BBC Naidheachdan 2016-11-22: Chan eil dùil ri uidhir de shoithichean mòra luchd-turais an ath-bhliadhna (aithris-bhideo 2:00)
- BBC Naidheachdan 2016-12-01: Leasachadh aig Cala Steòrnabhaigh (aithris-bhideo 2:03)
- BBC Naidheachdan 2017-02-27: Nì FiSH gearain mu Chomhairle nan Eilean Siar (aithris-bhideo 2:23 - Ionad Spòrs Leòdhais)
- BBC Naidheachdan 2017-02-28: FiSH a' beachdachadh air gearan a dhèanamh mu ChnES (Ionad Spòrs Leòdhais)
- BBC Naidheachdan 2020-12-09: Airgead airson cidhe is cala ùr an Steòrnabhagh
- BBC Naidheachdan 2020-12-10: Cala domhain na "bhunait" 'son leasachaidhean mòra