Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig na buidhinn leasachaidh a tha ag obair an co-phàirteachas le ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gus foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan-teagaisg Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 1999 agus tha prìomh oifis aice ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.
Goireasan agus Pròiseactan
deasaich- Ceàrd an Sgrìobhaiche
- Dealbh-chluichean - dealbh-chluichean Gàidhlig ann am PDF airson fileantaich san àrd-sgoil, mar eisimpleir Ri Aghaidh na Creig le Maoilios Caimbeul, An Taghadh le Iain Mac a' Ghobhainn no Bòrd do Dheichnear le Dòmhnall Iain MacÌomhair
- Eadar Dà Sgeul - cruinneachadh de sgeulachdan goirid airson sgoilearan Gàidhlig san àrd-sgoil, tha feadhainn de na sgeulachdan ri fhaighinn ann mar fhaidhleachan claisneachd no sruthach
- Fo Bhruid - an ath-chruthachadh den sgeulachd ainmeil aig Robert Louis Stevenson, Kidnapped, le Torcuil Crichton
- Giglets Gàidhlig - leabhraichean clasaigeach ainmeil air an ath-chruthachadh airson luchd-leughaidh an latha an-diugh, mar eisimpleir MacBheatha le William Shakespeare, Dracula le Bram Stoker no Am Bann Breac (Sgeulachdan Sherlock Holmes) le Arthur Conan Doyle
- Mar a chuala mise e
- Na Lochlannaich
- Stòrasan na Talmhainn
- “Sgeulachd Seònaid NicLachlainn”. Stòrlann. Air a thogail 16mh dhen Dàmhair 2024. Eachdraidh-bheatha agus òrain Seasaidh NicLachlainn.
An t-Alltan
deasaichBi an Stòrlann a' cur air dòigh co-labhairt gach bliadhna do thidsearan Gàidhlig, An t-Alltan. Tha An t-Alltan a’ toirt cothrom do thidsearan Gàidhlig tighinn còmhla, toirt sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra. Bidh shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach ann ceangailte ri goireasan a th’ air ùr nochdadh no a th’ anns a’ bheairt aig an Stòrlann.