An t-Urramach Jack MacArtair
’S e ministear ann an Eaglais na h-Alba agus comhairliche riaghaltais ionadail a bha san Urr. Jack MacArtair (1938–2002) (Beurla: Jack MacArthur). Bha e ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig. Mar chomhairliche, bha e sònraichte seach gun robh ’na cheannard air Comataidh an Fhoghlaim aig trì comhairlean fa leth: Siorrachd Chataibh, Na h-Eileanan Siar, agus Comhairle na Gàidhealtachd.
An t-Urramach Jack MacArtair | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Marbhaig, 1938 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Glaschu, 9 dhen Dùbhlachd 2002 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Sgoil MhicNeacail Colaiste Ùr Dhùn Èideann |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | ministear, comhairliche agus neach-iomairt |
Rugadh agus thogadh e ann an Marbhaig, Grabhar, Leòdhas. Bha a bhràthair, Ailean Iain, ’na mhinistear na h-eaglais cuideachd, agus ’na chomhairliche.
Chuir Jack ùidh mhór ann am poileataigs fhad ’s a bha e aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e ’na cheann-suidhe air an University Union. Bha e co-aimsireil ri Dòmhnall Mac an Deòir agus Iain Mac a’ Ghobhainn, dithis a chaidh air adhart gu àrd-chliù sa Phartaidh Làbarach.
Thòisich e a mhinistreaileachd ann an Eaglais na h-Alba aig Ceann Loch Biorbhaidh ann an Cataibh ann an 1966. Nuair a dh’fhulaing cailleach sa pharaiste stròc san dòigh nach b’ urrainn dhi ach a cànan dùchasach, a’ Ghàidhlig, a labhairt, thug e buaidh mhór air gu spioradail gun robh e comasach bhith ag ùrnaigh còmhla rithe, agus dhaingnich seo a dhealasachd gus taic a thoirt don chànan. Chaidh e ’na chomhairliche aig a’ County Council, agus bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim mus do ghluais e ann an 1971 gu Carlabhagh ann an Leòdhas.
Bha e ’na bhall de Comhairle nan Eilean Siar nuair a chaidh a’ chomhairle ùr seo a stéidheachadh ann an 1974. A-rithist, bha e ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim an sin, agus bhrosnaich e am poileasaidh ùr foghlaim dà-chànanach a thug teagasg tron Ghàidhlig a-steach do na sgoiltean, ann an cuid de chuspairean.
Ghluais e gu bhith ’na mhinistear san Àth Leathann san Eilean Sgitheanach ann an 1979. Cha b' fhada gus an deach a thaghadh, le cuibhreann mór mór de na bhòtaichean, gu Comhairle na Gàidhealtachd, agus bha e gu luath ’na cheannard air comataidh an fhoghlaim. Bha e ’na bhall den bhuidhein a dheasach an aithisg chudromach Cor na Gàidhlig ann an 1982. Fad dà bhliadhna bha e ’na cheann-suidhe air Biùro Eòrpach nam Mion Chànan.
Às déidh deich bliadhna san Eilean Sgitheanach, ghabh e ri gairm gu Eaglais Chaluim Chille ann an Glaschu, far an robh e gus an do leig dheth a dhreuchd air sgàth droch-shlàinte ann an 1996. Chaochail e ann an Glaschu air 9 an Dùbhlachd 2002.