Sgoil MhicNeacail

sgoil ann an Steòrnabhagh, Leòdhas, Alba

'S e àrd-sgoil ann an Steornabhagh a tha ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Tha e a' libhrigeadh foghlam àrd-sgoile eadar AS1 agus AS6 do Leòdhas.

Sgoil MhicNeacail
Àrd-sgoil
Cur air cois1873 Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNa h-Eileanan Siar Deasaich
Roinn-tìdeUTC±00:00 Deasaich
Siorrachd eachdraidheilSiorrachd Rois Deasaich
Domhan-leud is -fhad58°12′40″N 6°22′44″W Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.nicolsoninstitute.org/ Deasaich
Map

'S e facal-suaicheantais na sgoile Sequamur, a' ciallachadh 'Leanamaid'.

Tha ceithir roinnean, no 'taighean' ann dha na sgoilearan: Addison, Foirbeis, Gibson, MacRath agus Sutharlan. Chaidh an ainmeachadh air seann cheannardan na sgoile.

Eachdraidh na Sgoile

deasaich

Chuireadh air bhonn i le airgead bho Alasdair Moireasdan MacNeacail. B' e innleadair a bh' ann aig an robh gnìomhachas ann an Shanghai a' togail long. Nuair a chaochail e, dh'fhàg e airgead na thiomnadh ag ràdh gun robh e "an dòchas gun dèan mi feum air chor-eigin do chloinn mo sheann eòlaich."[1] 'S e a rinn a bhràithrean sgoil ùr a thogail ann an Steòrnabhagh.

Chaidh an Sgoil fhosgladh air 27 Gearran 1873. Bha 105 sgoilear innte.[1]

Gu ruige sin, bha ceithir sgoiltean eile anns a' bhaile: dhà le Sir Seumas MacMhathain, tè le Eaglais na h-Alba agus tè leis an Eaglais Shaoir.[1]

Ceannardan na Sgoile[1]

  • Iain Sutharlan
  • Iain Foirbeis
  • Uilleam Gibson C.B.E.(bho 1894 gu 1925)
  • Iain MacRath (bho 1926 gu 1944)
  • C.J.S. Addison

Iomraidhean

deasaich
  • Urchardan, Alasdair. 'Sgoil mhic Neacail an Steòrnabhagh' ann an Gairm 16, An Samhradh 1956, dd.305-7.
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Urchardan, Alasdair. 'Sgoil mhic Neacail an Steòrnabhagh' ann an Gairm 16, An Samhradh 1956, d.305

Ceanglaichean a-mach

deasaich