Barraigh
Barraigh | |
Sealladh air Bàgh a' Chaisteil | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Comhairle nan Eilean Siar |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan an Iar |
Co-chomharran | 56° 57′ 17″ T 7° 29′ 14″ I |
Comharradh-clèithe | NL665982 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,377.5 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,174 (2011[1]) |
Dlùths | 0.49/km² |
'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh. Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.
Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le alt-aiseig. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann chathair MhicNèill.
Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdain rè a' gheamhraidh.
Is e àireamh-sluagh an eilein 1174 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich. Tha 761 nan luchd-labhairt na Gàidhlig (62%) a' fuireach anns an eilean.[2]
Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.
Tachartasan
deasaichThòisich fèis ann am Barraigh ann an 1981, Fèis Bharraigh. Bha am fèis cho soirbheachail 's gun deach fèisean eile a chur air dòigh air feadh Alba.
Thòisich rèis ris an canar am 'Barrathon' ann an 2000. 'S e an t-astar leth-mharathon a' dol timcheall an eilein. [3]
Siubhal
deasaich’S e an Tràigh Mhór ann am Barraigh an aon tràigh air an t-Saoghal a thathar a’ cleachdadh mar raon-laighe le clàr-àma stéidhte - ged a tha sin a’ leantainn rabhart agus conntraigh.
Bratach Bharraigh
deasaichChaidh bratach Bharraigh, crois geal air uaine, aithneachadh leis a' Morair Lìomhainn, an Rìgh Seanchaidh ann an 2017.[4]
Daoine ainmeil
deasaich- Rugadh agus a thogadh Flòraidh NicNèill, seinneadair Gàidhlig ann an Eilean Bharraigh.
- Tha Catrìona Nic a' Phì, seinneadair Gàidhlig eile, às an eilean cuideachd.[5]
Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig
deasaich- Mac a' Mhaoilein, An t-Athair Urr. Iain (1938). 'Barraidh', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 106-112.
Clàraidhean
deasaich- 'Disappearing Island An-diugh' BBC Gàidhlig airson MG Alba MMIX. Stiùiriche: Cailean MacLeòid. 60 mionaidean. A' chiad chraoladh Diluain 4 Faoilleach 2010.[6]
- Sealladh air mar a tha Eilean Bharraigh an-diugh, an coimeas ri prògram a rinn Magnus Magnusson ann an 1964 mun eilean.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Statistical Bulletin: 2011 Census: First Results on Population and Household Estimates for Scotland - Release 1C (an dàrna earrann). "Appendix 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands"”. National Records of Scotland. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2017 (pdf).
- ↑ Census 2011 stats BBC News. Retrieved 20 April 2014.
- ↑ The Barrathon
- ↑ “Aithne oifigeil do bhratach Bharraigh”, Naidheachdan a' BhBC. 23mh dhen t-Samhain 2017. Air a thogail 19mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Catrìona Nic a' Phì aig làrach nam Bàrd
- ↑ Disappearing Island An-diugh Làraich a' phrògram. Leughte 01 Faoilleach 2014.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Am Barrathon (Beurla)
- Litir do Luchd-ionnsachaidh 190: "Eilean Barraigh"
- BBC Naidheachdan 2016-02-26: Mì-chinnt mu Bhùth Bharraigh
- BBC Naidheachdan 2016-02-02: Cidhe Àird Mhèanais gu bhith deiseil
- BBC Naidheachdan 2016-04-20: Port-adhair Bharraigh ga mholadh
- BBC Naidheachdan 2016-06-10: 80 bliadhna bho thòisich itealain a’ laithe air an Tràigh Mhòr (aithris-bhideo 1:56)
- BBC Naidheachdan 2016-09-14: Eisirean Bharraigh (aithris-bhideo 1:56)
- BBC Naidheachdan 2016-09-16: Bacadh air iasgairean Bharraigh (aithris-bhideo 2:22)
- BBC Naidheachdan 2016-09-28: Seusan turasachd trang ann am Barraigh (aithris-bhideo 2:33)
- BBC Naidheachdan 2016-10-07: Dragh air Comhairliche Bharraigh mun dàil ann an ospadal ùr an eilein (aithris-bhideo 2:00)
- BBC Naidheachdan 2016-11-15: Àrd-choinneamh ga h-iarraidh mu dhraghan Bharraigh
- BBC Naidheachdan 2016-12-15: Dragh mu dhàil Ospadal Bharraigh
- BBC Naidheachdan 2017-01-04: Bratach “na thogail do Bharraigh
- BBC Naidheachdan 2017-01-19: Dùil ri leasachadh aig Port-Adhair Bharraigh
- BBC Naidheachdan 2017-02-03: Mil Bharraigh