Clò-bhualadh
'S e clò-bhualadh dòigh airson chopaidhean den theacsan agus ìomhaighean a dhèanamh air pàipear no stuth eile le dubh (no inc) a' chleachdach chlò-bheairt.
Eachdraidh
deasaichTha na chiad eisimpleirean de chlò-bhualadh air fhàgail bho Shìona, bhon 3mh linn RC. Bha na Sìonaich a' clò-bhualadh air aodach agus nas fhaide air pàipear. Anns an Èipheit, bhathar ga chleachdadh bhon 4mh linn AC. Mus deireadh an 6mh linn bha a' chiad clò-bheart air a dèanamh ann an Sìona. Bhon 9mh no 10mh linn bhathar ùrnaighean gan clò-bhualadh ann an dùthchannan Arabach, agus bhon siud thàinig an teicneòlas dhan Roinn-Eòrpa, far an robh e cumanta anns an 13mh linn airson aodach, agus anns an 14mh linn airson pàipear cuideachd.
Mu mheadhan an 11mh linn dh'innlich na Sìonaich dòigh clò-bhualaidh ùr. Bha iad a' cleachdadh ceapan na chuir iad còmhla gus an teacsa a chruithneachadh. An dèidh a' chlò-bhualaidh, roinneadh na ceapan, agus dh'fhaodadh iad a bhith air an cleachdadh airson teacsa eile. Mu mheadhan na 15mh linn, b' e Johannes Gutenberg a' chiad duine a chleachd an dòigh seo ann an Roinn-Eòrpa. Thug Walter Chapman agus Andrew Myller an dòigh gu Alba, far an do stèidhich iad a' chiad clòlann ann an 1507 (aig àm Sheumais IV).
Ann an 1796, dh'innlich Aloys Senefelder leac-sgrìobhadh (lithography sa Bheurla), an dòigh a thathar ga cleachdadh as trice an- diugh. Ann an 1847 dh'innlich Richard March Hoe clò-bheart rothach - mar sin, dh'fhàs an luas de chlò-bhualadh gu mòr. 'S e an gnè a thathar ga leasachadh nas motha an-diugh clò-bhualadh didseatach.
Dathannan
deasaichTha dà dhòigh airson datha àraidh a chlò-bhualadh. Faodaidh an dath a bhith air a mheasgachadh anns an fhiamh rùnaichte agus an dèidh sin gu simplidh air a chur air a' phàipear. Tha an t-anacothrom air an dòigh seo gum feumar a bhith ann cho mòran clàran clò-bhualaidh ris na dathan.
Chan eil an dàrna dòigh a' cleachdadh ach ceithir dathan bunaiteach: gorm, dearg, buidhe agus dubh. (Mar sin, thathar a' canar rithe "CMYK" bho na faclan Bheurla Cyan, Magenta, Yellow is Key). Nuair a thathar gan cur còmhla air a' phàipear (gach dhiubh ann an puingan glè mheanbh), chan fhaic sùil dhaonna mòran puingan anns na ceithir dathan, ach chì i grunnan dathan diofar. Nochd an dòigh seo an toiseach anns an 19mh linn.
Dòigh sam bith a thathar a' cleachdadh, 's e an rud as riatanaiche gum bith an t-inc a' tiormachadh gu fìor sgiobalta. Mura biodh, gheibheadh e air cùl an ath dhuilleige. Uaireannan, thathar solas os-bhiolait ga chleachdadh gus seo a choisinn.
Seòrsaichean
deasaich- Clò-bhualadh bho h-àirde: Tha na pàirtean dhen chlàr chlò-bhualaidh a tha a' clò-bhualadh, m.e.: na litrichean, nas tighe na pàirtean eile (mar a tha iad air seula). Gheibh an t-inc air fad a' chlàr-inc, ach bho siud gheibh e dìreach air na pàirtean tiugha seo dhen chlàr chlò-bhualaidh, agus an uair sin air a' phàipear. Faodaidh na clàran a bhith rèidh (mar a bha iad bho thùs) no air an cur air rolairean (mar a tha iad mar as trice an-diugh). Thathar an dòigh seo a chleachdadh as trice an-diugh airson pasgaidh, bhileagan agus msaa.
- Clò-bhualadh bho dhoimhneachd no gràbhalachd: Chaidh na pàirtean a tha a' clò-bhualadh an gràbhaladh ann an rolair chlò-bhualaidh. Tha an rolair a' tionndadh ann am mias anns a tha an t-inc. An dèidh sin, tha bile a' sgrìobhadh an t-inc bhon uachdar an rolair, agus an uair sin thathar an t-inc a tha air fhàgail anns na h-eagan ga bhuaileadh air a' phàipear.
- Clò-bhualadh bho h-uachdar chòmhnard no leac-sgrìobhadh: Tha an dòigh seo a' cleachdadh ceimigeachd. Thathar aon stuth a' cur air na pàirtean dhen uachdar clàr clò-bhualaidh a tha a' clò-bhualadh, agus stuth eile air càch a' chlàir. Tha a' chiad stuth a' ceangal inc agus a' cur air falbh uisge, agus an dàrna stuth a' ceangal uisge agus a' cur air falbh inc. An uair sin, thathar an dà chuid inc is uisge a chur air a' chlàr, ach tha an t-inc a' fuireach dìreach air na pàirtean a tha a' clò-bhualadh, agus a' faghinn bhuapa air a' phàipear. 'S e seo an dòigh as àbhaistiche an-diugh airson leabhraichean, pàipearan-naidheachd agus msaa.
- Clò-bhualadh tro lìon: Thathar an t-inc ga sgaoileadh air lìon. An uair sin, thathar an lìon ga chur air a' phàipear no stuth eile agus thathar bile a' gluasad thairis-san, a' putadh pàirt dhen inc tro tollan an lìon agus càch dheth air falbh bhon lìon. Mar as àbhaist thathar an dòigh seo a' cleachdadh airson stuthan eile seach pàipear, m.e.: aodach no plastaig.
- Clò-bhualadh didseatach: chan eil an dòigh seo a' cleachdadh clàr no rolair idir - tha i a' clò-bhualadh dìreach às coimpiutair. Mar sin, thathar a' cleachdadh i nuair a dh'fheumar meud beag a chlò-bhualadh agus nuair a tha e riatanach gum biodh e air a dhènamh gu luath. Mar as àbhaist, tha e a' cleachdadh teicneòlas leusair.
An-diugh
deasaich'S e leac-sgrìobhadh an dòigh a thathar ga cleachdadh as motha an-diugh. Ge-tà, tha cleachdadh de flexography, dòigh clò bhualach bho h-àirde an ìre mhath ùr, a' dol am meud gu luath, gu sònraichte airson pasgaidh, far a bheil uimhir nas cudromaiche na càileachd; agus thathar gràbhalachd, clò-bhualadh tro lìon agus clò-bhualadh didseatach gan cleachdadh nuair a tha iad a' freagairt nas fheàrr air cor àraidh.
Ann an Alba
deasaichAnn an 1508 chaidh a' chiad ghnìomhachas clò-bhualaidh, an Chepman and Myllar Press a chur air bhonn ann an Alba.[1] Chaidh a’ chiad mhuileann-pàipeir a stèidheachadh ann an Dùn Èideann anns a’ bhliadhna 1695. Bho na 1740an bha na bràithrean Raibeart agus Anndra Foulis ag obair ann an Glaschu, a’ clò-bhualadh leabhraichean le ùghdaran clasaigeach agus co-aimsireil. Dh’fhàs iad clùiteach mar sàr-chlò-bhualadairean air feadh na Breatainne Mòire agus na Roinn-Eòrpa. Aig an toiseach, bha iad a’ reic leabhraichean, agus às dèidh sin rinn iad leabhraichean iad fhèin. Bha Raibeart Foulis na chlò-bhualadair oifigeil do dh’Oilthigh Ghlaschu bho 1743.[2]
Clò-bhuailtearan Ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Norman Macdougall, The Stewart Dynasty in Scotland, James IV (Tuckwell press, 1997), td. 218.
- ↑ “Robert & Andrew Foulis, the Foulis Press, and Their Legacy”.