An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alberto Lleras Camargo"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Ceannard |honorific_prefix= |ainm=Alberto Lleras Camargo |honorific_suffix= |dealbh= |tiotal=Ceann-suidhe Choloimbia |latha_breith= 3 an t-Iuchar [..." a chruthachadh
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 21:54, 9 dhen Dùbhlachd 2015

B’ e fear-aithris agus fear-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Alberto Lleras Camargo (Bogotá, 3 an t-Iuchar 1906 – ibidem, 4 am Faoilleach 1990).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às An t-Sile ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. B’ e boireannaich uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu a h-athair na dheachdaire thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na oghaichean le Carlos Lleras Restrepo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1966 agus 1970.

Alberto Lleras Camargo

Breith 3 an t-Iuchar 1906
Bogotá (Cundinamarca)
Bàs 4 am Faoilleach 1990
Bogotá (Cundinamarca)
Pòsadh Bertha Puga Martínez
Clann Consuelo, Alberto, Ximena, Marcela
Ainm na Stàite Coloimbia
Teirm 7 an Lùnastal 1945 gu 7 an Lùnastal 1946
7 an Lùnastal 1958 gu 7 an Lùnastal 1962
Ro-theachdaire Gustavo Rojas Pinilla
Neach-ionlaid Eduardo Santos
Pàrtaidh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia
Alma mater Oilthigh an Rosario
Dreuchd Fear-aithris, fear-poileataigs
Creideamh Caitligeach

A bharrachd air an lèisinn nuadh agus na dòighean ùra a dh'ionnsaich nuair a bha e thall thairis, bha taic a fhuair e bho uachdarain beairteach agus ceannardan cumhachdail a' phàrtaidh gu math feumail dha. Chuir e air dòigh glasad raidigeach a-staigh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia air an robh La Revolución en Marcha[2] (Gàidhlig: Ar-a-amach air an t-Slighe) a bha airson aonaidhean-ciùirde a chuthachadh agus talamh a thoirt air falbh bho daoine beairteach. Le sin, bhòtadh na daoine bochda às an dùthaich dha. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1934 gu ruige 1938 agus an uair sin bho 1942 gu ruige 1946. Chuir e taic dha Na Stàitean Aonaichte anns an Dàrna Chogadh. B' e esan a thug taic do Julio César Turbay Ayala[3] agus Carlos Lleras Restrepo, a bhiodh nan cinn-suidhe bliadhnaichean an dèidh López Pumarejo.[4] Thug Darío Echandía Olaya àite Phumarejo dà thuras: fad mìos eadar 1943 agus 1944[5] nuair a bha bean Phumarejo tinn agus greiseag eile ann an 1944 nuair a bhathar airson Pumarejo a thoirt fo bhruid.

Iomraidhean

  1. Colombia
  2. Partido Liberal Caldas
  3. Banrepcultural
  4. Oilthigh Indiana
  5. Banrepcultural