Fàilte chridheil romhaibh dhan duilleig agam!
Dè ur Cor? Cor math, tha m' an dòchas. Dè mum dheidhinn? Bheul, tha mi air a bhith an sàs mar dheasaiche air Uicipeid bho 2009. Tha uidh mhòr orm air cànain, cultar, gu seachd àraidh a h-uile càil co-cheangailte ris An Spàinn agus Aimearaga a Deas. Thoisich mi ri duilleagan a leasachadh taobh Chuspairean mu dheidhinn Choloimbia, far a chuir mi seachad tòrr ùine nam oileanach. A bharrachd air sin, bha mi mo fhear-teagaisg is m' eadar-theangair thall san Spàinn fad còig bhliadhna.
Nach math a rinn thu leis an artagal air Medellin. Tha e fìor mhath. Cum ort!
--Each-uisge 11:59, 13 an t-Sultain 2009 (UTC)
Tha thu a' deanamh obair fior mhath. Air taobh saighdear co-dhiu, bu choir dhomh innse riut gum robh an t-ainm a' comharrachadh fear a rinn saigheadan. Chaidh an t-ainm air fir an fheachd nas anamoch- is docha mu a am (17mh linn)nuair a sguirr sealgairean dheth cleachadh saigheadan airson peillearan. Bha an seann ciall a' nochdadh an seann sgeulachdan a chaidh air cruinneachadh air a' Ghaidhealtachd cho anamoch ri na 1950an.
Le gach deagh durachd.