Oilthigh an Rosario
Universidad del Rosario
Stèidhichte 8 an Dùbhlachd 1653
Suidheachadh Bogotá, Coloimbia
Oileanaich 12393 (2011)
Làrach-lìn http://www.urosario.edu.co

‘S e Oilthigh an Rosario (Spàinntis: Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario) fear dhe na oilthighean as cudromaiche ann an eachdraidh Choloimbia. Tha e suidhichte ann am Bogotá. ‘S e oilthigh prìobhaideach a th' ann agus chaidh e a stèidheachadh ann an 1653.

Dhen bheachd iomadh luchd-ceuma uallach ‘s e "Creathal na Poblachd" a th' ann, leis gur e an seo far an do chuir iad oidheamachan na neo-eisimeileachd air ghleus agus tha a chuid oideachaidh air a bhith gu math cudromach gu beatha na dùthcha. Tha 28 cinn-suidhe na Poblachd air ceum a ghabhail an seo, a bharrachd air breitheamhan, luchd-casaidean, àrd sheirbheisich na Stàite, oilthighich, ollamhan, luchd-lagha ainmeil agus daonairean. Fhuair Oilthigh An Rosario duais airson sàr-mhathanas airson sia bliadhna. Chaidh an duais sin ga thoirt seachad le Ministrealachd an Fhoghlaim, tro òrdugh 2567 dhe 30mh an t-Ògmhios 2005.

Chaidh an colaiste “Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario” a steidheachadh ann an 1653 le cead bhon Rìgh Felipe IV agus an àrd-easbaig a' bhaile Santa Fe, am Bràthair bochd Cristóbal de Torres. An uair sin, chaidh e a chur an cèill, tro Cùmhnant Rìoghal dhe 1768 a rèitich Rìgh Carlos III, gur e fìor dheagh cholaiste a bh' ann aig an aon ìre leis na sia sàr-cholaistean na Spàinne. Le sin, bheireadh an Rosario an tradisean oilthigheach an Oilthigh Salamanca air adhart ann an Aimearaga. Tha iomadh thachartas inntinneach air a thachair an seo tro eachdraidh an Rosario, feadhainn gu math ainmeil, is feadhainn eile neo-aithnichte:

‘S e an Rosario an oilthigh as sine na dùthcha, leis gur e a’ chiad oilthigh a dh’fhosgail na dorsan aige, ged e an treas a fhuair cead bho Chrùn na Spàinne airson a’ bhaile Santa fé. Tha na oilthigh a’ togail argumaid leis an Oilthigh Santo Tomás gus an onoir sin fhaighinn. Cha do dh’fhosgail Santo Tomàs na dorsan aige dìreach nuair a fhuair e thug Cùmhnant Rìoghail airson a chuid obrach a thòiseachadh air sàilleabh droch àigh. Dhen bheachd fheadhainn eile, ‘s e an Oilthigh Pàpanach Javeriana, stèidhichte leis na Iosaidich, an dàrna fear, ach ‘s e an Colaiste San Bartolomé an dàrna oilthigh, anns an dùthaich co-dhiù. Dh’fhosgail an oilthigh 71 bliadhna an a dhèidh.

Cha do chuir iad stad air na clasaichean a-riamh ach, ann an 2008, cho-dhùin iad a’ bhun sgoil agus an àrd sgoil a dhùnadh, agus le sin an cuid obrach a leasachadh anns an fhoghlaim oilthigheach a-mhàin. Fhuair an co-dhùnadh sin dubh chàineadh bhon a’ chomainn-sòisealta gu lèir. Chaidh Roinn an Lagh a thoirt air falbh chun an Oilthigh Nàiseanta Colombia ann an 1889, agus an uair sin cha robh an Rosario ach àrd sgoil. Chaill an Colaiste a chuid neo-eisimeileachd bho 1885 gu ruige 1892 agus bha e dìreach fon Oilthigh Nàiseanta Colombia. Chaidh Roinn an Lagh a stèidheachadh a-rithist ann an 1906, tro chòrdadh leis na Riaghaltas aig a' cheann-suidhe Rafael Reyes. Theagaisg José Celestino Mutis a’ chiad chlas matamataigs aige ann an Coloimbia, 13mh am Màrt 1762. Bha e na ollamh aig an Rosario fad còig bliadhna, bho 1762 gu 1767, is e a’ teagasg matamataigs, nàdar-fheallsanachd agus saidheans nàdarra tro mheadhan na Laideann. Nuair a bha làmh an uachdair aig na Spàinntich a-rithist chaidh an oilthigh a thionndaidh gu bhith prìosan, agus cha robh clasaichean ann. Chaidh curaidhean mar Pholicarpa Salavarrieta agus Francisco José de Caldas nam prìosanaich an seo.

Nuair a thug iad chun a’ chloiche e, sgrìobh e an litir Greugach ainmeil thanatos θ, seann samhla a’ bhàis, le criomag ghuail. Chaidh an samhla sin a chleachdadh an dèidh làimh mar bhàrdachd thìr-ghràidhichte "Obh sòraidh fhada dhubh!".

Seann Oileanaich

deasaich

Iomraidhean

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich

Làrach-lìn an Oilthigh Làrach-lìn na Sgoile