‘S e Poblachd fheadarail eadar dà stàit nar làithean fhèin (Coloimbia agus Panama) a bh’ann An Co-chaidreachas Ghranada. Tha an stàit sin suidhichte, aig ìre eachdraidh Choloimbia, eadar Poblachd Ghranada Ùire (1858) agus na Stàitean Aonaichte Choloimbia (1863).[1][2]

Co-chaidreachas Ghranada
La Confederación Granadina
  18581863  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1858
Bliadhna mu Dheireadh 1863
Prìomh-Bhaile Bogotá
Càna(i)n Oifigeil Spàinntis

Eachdraidh

deasaich

Thug gluasadan an neo-eisimeileachd air feadh na dùthcha, gu seachd àraidh fad às bho Bhogotá, buaidh làidir air an structar meadhanach a chuireadh air dòigh beag air bheag bho àm Poblachd Ghranada Ùire, an dèidh sgaoileadh Choloimbia Mòire. Ghabh am Bun-Reachd dhe 1843 ri sin. Bha an suidheachadh anns a’ Chaolas Panama uabhasach doirbh, is na daoine an siud ag iarraidh fèin-riaghladh.[3]

‘S e na atharrachaidhean dhe 1853 a thòisich pròiseas na feadaraileachd anns an dùthaich. Chaidh a’ chiad stàit fheadarail a chur air dòigh air an 27mh latha dhen Ghearran 1855: Panama. Cha b’ fhada gun do lean Antioquia (11mh An t-Ògmhios 1856) agus Santander (13mh An Cèitean 1857). Sgrìobh còmhdhail na Poblachd lagh ùr ann an reachdas gus sgaoileadh na dùthcha a sheachnadh, air 15mh latha dhen Ògmhios 1857. Chruthaich an lagh sin sreath dhe stàitean le fèin-ùghdarras, mar a leanas: Bolívar, Boyacá, Cauca, Cundinamarca agus Magdalena. Chaidh an Stàit Tolima a stèidheachadh air an 12mh latha dhen Iuchar 1861 air na sgìrean air an àirde an iar Chundinamarca.

Chaidh co-chruinneachadh a chur air dòigh ann an 1858 ach bha làmh an uachdair aig na Tòraidhean. Thug iad Co-chaidreachas Ghranada Ùire air an dùthaich is dh’ainmich iad Tunja mar phrìomh-bhaile na Stàitean. Rinn iad sin air adhbharan samhlachail air sgàth gur e fear dhe na bailtean na bu thìr-ghràdhaiche na dùthcha a bh’ann Tunja, neo Creathail agus Taigh-oibre na Saorsa (Spàinntis: Cuna y Taller de la Libertad) mar a thuirt Simón Bolívar o shean.

Dh’ fhàs a’ cho-chaidreachas a bhith uabhasach lag air sàilleabh còmhstri brùideil eadar na Libearalaich agus na Tòraidhean, is le sin chaill na feadarailich an cumhachd. Thug dùbhlan nam Libearalaich Raidigeach buaidh gu math làidir air beatha goirid a’ cho-chaidreachais is dh’adhbharaich sin Cogadh sìobhalta eadar 1860 agus 1862. Chaidh Santa Fe de Bogotá ainmeachadh mar phrìomh-bhaile a-rithist an dèidh sin. Chaidh Co-chaidreachas Ghranada Ùire à bhith anns an Sultain 1863 ri linne Co-chruinneachadh dhe Rionegro.

Iomraidhean

deasaich
  1. Biblioteca Virtual
  2. Repositirio Institucional
  3. La acción de los liberales panameños en la determinación de las políticas del Estado de la Nueva Granada, (1848-1855)
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: