Pamplona (Coloimbia)
Pamplona
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Norte de Santander | ||||
Àirde | 2342m | ||||
Co-chomharran | 07° 22' 4 Tuath 72° 39' 09 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,176 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 102,785 (2005) | ||||
Dlùths | 87.4/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Phamplona |
‘S e baile beag ann an Coloimbia a th’ann am Pamplona. Tha e suidhichte ann an sgìre iar-dheas na roinne Norte de Santander. Chan eil e ach 74km bho Chúcuta,[1] fear dhe na bailtean mòra nas cudromaiche na dùthcha. Ged nach eil port-adhair ann, tha deagh rathaidean ann gu ruige Chúcuta fhèin, Bucaramanga agus na bailtean beaga ri taobh an iar na roinne.
Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math ceangailte ri gnothach a’ bhidh (mar eiseimpleir deànamh mìlsean, briosgaidean, cèicichean, etc.), turasachd na fèisean Caitligich (gu seach àraidh aig àm na Càisge) agus goireasan eile (àiteachan-fuirich, biadh, etc.) airson oileanaich an Oilthigh Pamplona. ‘S ann Cúcuta fhèin agus bailtean eile a’ Chairib air Costa an Tuath Choloimbia a th’ann a mhòr-chuid dhuibh.
A-rèir cunntas-sluaigh nàiseanta dhe 2005, tha àireamh-shluaigh dhe 102,785 ann. Mar sin, ‘s e Pamplona an còigeamh baile nas motha na roinne agus an 56mh baile as motha na dùthcha.[2]
Tha am baile baile suidhichte air leathad na Cordillera Oriental ann am beanntan na h-Andes, aig 2342m os cionn ìre na mara. Tha farsaingeachd dhe 1,176 km2 aige agus tha teodhachd mheadhanach dhe 16°C ann. Tha crìochan aige leis na bailtean Pamplonita, air an àirde an iar, le Cácota agus Chitagá, ann an ceann a deas, le Labateca air an àirde an ear agus le Cucutilla air an àirde an iar.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh le Pedro de Ursúa agus an Ceann-feadhna Ortún Velazco de Velazques 1 an t-Samhain 1549 agus thug iad an t-ainm Pamplona air, mar chuimhne air a' bhaile leis an aon ainm anns An Spàinn far an do rugadh fear dhen dhithis fhear-steidheachaidh.[3] Thug an Ìompaire Carlos V na Spàinne an tiotal dhe "Baile Urramach Uasal" (Spàinntis: "Muy noble y muy hidalga ciudad") dhan bhaile tro Èigheachd Rìoghail, 3mh an Lùnasdal dhe 1555.
Daoine Ainmeil
deasaich- Leonardo Canal González: Ceann-suidhe na dùthcha.
- Camilo Daza: Pìdhleat.
- Heli Rodriguez Baéz: Ministear an Fhoghlaim.
- Eduardo Ramírez Villamizar: Fear-Ealaine.
- Beatriz Daza: Cluichdeadair a' Phiàna.
- Jorge Gaitán Durán: Bàrd.
- Eduardo Cote Lamus: Bàrd.
- Oriol Rangel: Ceòladair.
- Alirio Gómez Picón: ùghdair.
- Guillermo Maldonado: Pérez ùghdair.
- José Rafael Faría Bermudez: Sagart a stèidhich oilthigh a' bhaile.[4]
- Eduardo Villamizar Lamus: Steidhich e an Oilthigh cuideachd. Reachdadair an Oilthigh.
Eaconamaidh
deasaich- Gnìomhachas an àiteachais: Thathar a’ cur iomadh lusan, mar eisimpleir mòran bhuntàta, an uair sin sughan-làir, creamh, cruithneachd, morón, Cruithneachd Innseanach, pònair, peasair, agus currain.
- ‘S e baile làn oileanaich a th’ann, agus le sin tha na taighean-òsda agus an turasachd gu math cudromachd dhàsan, ‘s dòcha gur e sin an a’ phrìomh ghnothach eaconomach a’ bhaile an latha an-diugh. Tha na mìltean dhe oileanaich nan tàmh is iad ag ithe an seo, is a bharrachd air sin ‘s e iadsan a tha a’ cleachdadh na taighean-sheinnse is na h-ionadan eadar-lìn a tha air a nochdadh bhon chionn dà neo trì bliadhna, leis cho dèidheil ‘s tha na daoine orra.
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pamplona. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- A’ Chàisg (Spàinntis: Semana santa neo Semana Mayor): Fèis gu math ainmeil seadh aig ìre nàiseanta, seadh aig ìre eadar-nàiseanta, le iomadh chuairtear bho gach uile sgìre ann an Coloimbia agus A' Bheiniseala ann.
- Fèis Eadar-nàiseanta Còisirean a’ Chiùil Chreideamh.
- Fèillean agus Fèisean - Gairm an Neo-eisimeileachd air 4 an t-Iuchar 1810.
- Fèis Nàiseanta Dannsa an Tuaithe airson dithis agus Coinneamh Roinneil Sgoil Trèanaidh airson Dannsaidh.
- Fèis na briosgaidean “cuca”, na mìlsean, an arain agus cèicichean à Pamplona (an t-Iuchar).
- Fèis na ciùird.
- Stèidheachadh a’ Bhaile (1 an t-Samhain 1549).
- Fèisean Iosa (Spàinntis: Santo Cristo del Humilladero).
- Fèis Mhoire (Spàinntis: Nuestra Señora del Carmen (an t-Iuchar).
- Fèis Phamplona (Far am bi ceòladairean agus seinneadairean tàlantach à Pamplona ann)