'S e mòr-roinn a th' ann an Aimearaga a Deas , aon de na seachd mòr-roinnean, agus 's e pàirt de na h-Aimearagan. Tha an Cuan Siar air taobh an ear, agus an Cuan Sèimh air an taobh an iar, agus tha am Muir Caraibeach air an oirthir a tuath. Ged a tha Aimearaga Mheadhanach ann an Aimearaga a Tuath, san fhirinn, gu tric tha e cruinnichte le Aimearaga a Deas air sgàth gu bheil iad ann an Aimearaga Laideannach còmhla.

Aimearaga a Deas
South America satellite orthographic.jpg

'S e Spàinntis a tha aig a' mhòrchuid ann an Aimearaga a Deas, ach tha Braisil a' cleachdadh Portagailis (a tha gu math càirdeil ris), agus gheibhear cànanan eile ann: cànanan Eòrpach mar Beurla, Fraingis is Duitseis, agus mòran cànanan tùsach. Ged a tha an àireamh de chànanan tùsach gu math àrd, chan eil ach dà neo trì aig a bheil mòran luchd-bruidhinn ann fhathast - Quechua (cànan Incach) is Guaranaidh (cànan oifigeil ann am Paraguaidh, agus làidir)


Ainm na dùthcha
agus
bratach
Farsaingeachd
(km²)
Àireamh shluaigh
(1ad an t-Iuchar 2005 tuairmse)
Dlùths
(gach km²)
Prìomh-bhaile
Flag of Argentina.svg An Argantain 2,766,890 39,537,943 14.3 Buenos Aires
Flag of Venezuela.svg A' Bheiniseala 912,050 25,375,281 27.8 Caracas
Flag of Bolivia.svg Boilibhia 1,098,580 8,857,870 8.1 La Paz
Sucre
Flag of Brazil.svg Braisil 8,514,877 187,550,726 22.0 Brasília
Flag of Colombia.svg Coloimbia 1,138,910 42,954,279 37.7 Bogotá
Flag of Ecuador.svg Eacuador 283,560 13,363,593 47.1 Quito
Flag of the Falkland Islands.svg Na h-Eileanan Fàclainn 12,173 2,967 0.24 Stanley
Flag of French Guiana.svg Guiana Fhrangach (an Fhraing) 91,000 195,506 2.1 Cayenne
Flag of Guyana.svg Guiana 214,970 765,283 3.6 Georgetown
Flag of Paraguay.svg Paraguaidh 406,750 6,347,884 15.6 Asunción
Flag of Peru.svg Pearu 1,285,220 27,925,628 21.7 Lima
Flag of Chile.svg An t-Sile 756,950 15,980,912 21.1 Santiago
Flag of South Georgia and the South Sandwich Islands.svg Seòirsia-a-Deas is na h-Eileanan Shandwich-a-Deas (RA) 3,093 20 0 Grytviken
Flag of Suriname.svg Suranam 163,270 438,144 2.7 Paramaribo
Flag of Uruguay.svg Uruguaidh 176,220 3,415,920 19.4 Montevideo
Mòr-roinnean an t-Saoghail
LocationAfricaEurasia.png
Afraga-Eoràisia
LocationAmericas.png
Na h-Aimearagan
LocationEurasia.png
Eoràisia
LocationAfrica.png
Afraga
LocationAntarctica.png
Antargtaga
LocationAsia.png
Àisia
Location of Australia.svg
Astràilia
Location of Europe.svg
An Roinn-Eòrpa
LocationNorthAmerica.png
Aimearaga a Tuath
LocationSouthAmerica.png
Aimearaga a Deas
LocationOceania.png
Roinn a' Chuain Shèimh