Pearù
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Pearù[1] neo Peru[2][3] neo Perù[4]. Tha a' chànan Quechua agus a' chànan Aymara nan cànanan oifigeil anns na roinnean far a bheil iad ga bruidhinn leis a' mhòrchuid de na daoine. 'S e Piruw an t-ainm air Pearù anns a’ chànan Quechua agus anns a’ chànan Aymara.
República del Perú | |
---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
"Somos libres, seámoslo siempre" (Spàinntis) "We are free, may we always be so" | |
Cànan(an) oifigeil | Spàinntis |
Prìomh-bhaile | Lima |
Baile as motha | Lima |
Riaghaltas | Poblachd |
Ceann-suidhe | Pedro Castillo |
Iar-cheann-suidhe | Dina Boluarte |
Prìomh-mhinistear | Aníbal Torres |
Ceann-suidhe na Còmhdhail | Mariacarmen Alva |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Spàinn |
28mh, an Iuchar 1821 |
Aithnichte | 9mh, an Dùbhlachd 1824 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 1,285,216 km² (19mh) |
Uisge | 4.1 % |
Àireamh-shluaigh (2021) | |
Iomlan | 34,294,231 (44mh) |
Dlùths | 23/km² (198mh) |
LTD/CCC (2020) | |
gach pearsa | $11,516 (103mh) |
Roinn tìde | PET (UTC-5) |
Ruith-airgid | Nuevo Sol |
Prìomh àrainn-lìn | .pe |
Còd Àireamh fòn | 51 |
Tha crìochan aice san ear le Braisil, sa tuath le Eacuador agus Coloimbia, san ear-dheas le Boilibhia agus sa deas leis an t-Sile. Tha an Cuan Sèimh air taobh an iar na dùthcha.
'S e Lima am prìomh-bhaile aice.
Eachdraidh
deasaichChuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1854.[5] Sgrìobh Dòmhnall Alasdair an dàn 'Riaghladh' mun ana-cheartas a chunnaic e anns an t-saoghal is e ag ainmeachadh Pearu:
- Seallaibh air na rìoghachdan
- Bho Sìona gu Peru,
- Cumhachd aig gach lìogaire
- ’S gun fìrean anns a’ chriùth’;
- An tuig sibh rud cho neònach,
- Gu bheil daoine seòlt’ an drast’
- Anns gach dùthaich deònach
- Na dòlais bhith gu h-àrd?[6]
Bailtean
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ UNICEF
- ↑ Earrainn bho 'Riaghladh' le Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach. 1999. Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair (Steòrnabhagh: Acair) d.84
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Pearù - Fiosrachadh aig BBC
- Pearù - Encyclopædia Britannica
- Duilleag oifigeil Phearù