Popayán
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cauca
Àirde 1760m
Co-chomharran 2° 27' Tuath
76° 37' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 483 km²
Àireamh-shluaigh 257,512 (2005)
Dlùths 533.15/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Phopayán

'S e baile eachdraidheil ann an iar dheas Coloimbia[1] a th' ann am Popayán. Bha e fa-leth cudromach anns na làithean a dh'fhalbh na a tha e an latha an-diugh. Chuir iomadh cheannsaiche seachd ùine mhòr neo bheag ann am Popayán, Jorge Robledo nam measg. 'S e 19 an teodhachd mheadhanach aige. 'S e prìomh-bhaile na roinne Cauca a th'ann Popayán. Tha e suidhichte 557km air falbh bho Bhogotá.[2]. Bha àireamh-sluaigh dhe 257,512 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.[3] 'S e Popayán an 25mh baile as motha na dùthcha.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1537.

Freumhan an ainm

deasaich

A-rèir beul-aithris a’ bhaile, thàinig an t-ainm bho cheann-fheadhna Tùsanach air an robh Payán, a bha os cionn daoine an àite nuair a thàinig na Spàinntich. Bha na Tùsanaich nan tàmh mu thimcheall na beinne ris an canar Cerro de la Eme neo Cerro de las Tres Cruces an latha an-diugh.

Air an dàrna thaobh, dh'innis an t-eachdraiche Arcesio Aragón dhuinn gur e Pampayán a bha air an àite bho thùs, bho dhà fhacal ann an Quechua: pampa "gleann, làrach neo bealach" agus am facal yan a tha a’ ciallachadh "abhainn". Bealach na h-Aibhne, leis gum b' urrainn dha na daoine a dhol thar na h-Aibhne Cauca dìreach an seo.

Air an taobh eile, thuirt seann seanchaidh air choireigin gur ann à cànan Aimearaganach mar An Guambía a tha an t-ainm Popayán, is le sin tha trì faclan ann: po: (dà), pa: (tugh) agus yan (taigh): Dà thaigh tughaidh.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 257,512 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 30,534 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Popayán, ach tha 2.8% dhe Tùsanaich agus 2.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Popayán leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 70.7% dhe na dachannan.[6]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Popayán. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Daoine Ainmeil

deasaich

Gailearaidh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Figearan Oifis a' Chunntais-shluaigh
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia
  8. SisterCities

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann am Popayán