Sincelejo
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Sucre
Sgìre Costa Caribeña
Àirde 213m
Co-chomharran 049 18' Tuath
75° 24' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,535 km²
Àireamh-shluaigh 237,618 (2005)
Dlùths 154.8/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Shincelejo

‘S e prìomh-bhaile na roinne Sucre, ann an Coloimbia, [1] a th’ann Sincelejo, neo San Francisco de Asís de Sincelejo.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 213m os cionn ìre na mara ann an àirde an ear-thuath na dùthcha 987km air falbh bho Bhogotá.[3] Tha teodhachd meadhan dhe 27.1° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1535 dìreach ri taobh Oirthir na Cairibianach. Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air an àiteachas agus air gnìomhachas a’ chruidh. Tha àireamh-sluaigh dhe 237,618 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Sincelejo an 23mh baile as motha na dùthcha.[5]

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 237,618 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,979 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Sincelejo, ach tha 14.5% dhe Tùsanaich agus 9.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 87.5% dhe na daoine ann an Sincelejo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 50% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Sincelejo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
  • Fèis na Cruidh (Spàinntis: Corraleja): 20mh am Faoilleach.
  • Sabaidean le coilich.
  • Fèille na Cruidh.
  • Fèis na Comhlan Ciùil.
  • Fèis Nàiseanta na Comhlan Ciùil neo Ceòl na Gaoith.
  • Fèille Sincelejo an Iasgaich is an àiteachais.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichan A-mach

deasaich

An t-Sìde ann an Sincelejo

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica[dead link]
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
  9. SisterCities