An Spàinn
'S e stàit anns an Eòrpa an Iar a tha anns an Spàinn[1][2][3][4][5][6] (Spàinntis: España, uaireannan an Spàinnt[7]). Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a' Phortagail, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' anns an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.
Reino de España Rìoghachd na Spàinne | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Marcha Real (Spàinntis) "Royal March" | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Plus Ultra (Laideann) "Further Beyond" | |
Cànan(an) oifigeil | Spàinntis (Castellano) |
Mion-chànan(an) | Aranese, Basgais, Catalanais is Gailìsis |
Prìomh-bhaile | Madrid |
Baile as motha | Madrid |
Riaghaltas | Monarcachd bhun-reachdail (Deamocrasaidh pàrlamaideach) |
Rìgh | Felipe VI |
Prìomh-mhinistear | Pedro Sánchez Pérez-Castejón |
Stèidheachadh | |
Aonadh | 1516 |
de facto | 1716 |
de jure | 1812 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 195,364 km² (51mh) |
Uisge | 1.04 % |
Àireamh-shluaigh (2018) | |
Iomlan | 47,007,367 (29mh) |
Dlùths | 92.91/km² (112mh) |
LTD/CCC (2007) | |
gach pearsa | $31,471 (26mh) |
Roinn tìde | CET (UTC+1) |
as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Euro (€) |
Prìomh àrainn-lìn | .es |
Còd Àireamh fòn | 34 |
Tha roinnean aig an Spàinn:
- Na h-Eileanan Balearach anns a’ Mhuir Mheadhanaich
- Na h-Eileanan Canàrach anns a’ Chuan Siar
- Ceuta agus Melilla ann an Afraga a Tuath
'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dhealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na cànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais, is Gailìsis co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran, bithear a' bruidhinn an dual-chainnt Aranais, cànan co-oifigeil a tha càirdeach ri Ogsatanais.
EachdraidhDeasaich
Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.
Bailtean mòraDeasaich
Seo liosta nam bailtean as motha anns an Spàinn:[8]
Cruth na tìreDeasaich
Tha dà fhàsach anns an Spàinn: Bardenas Reales faisg air Nafarroa, agus Fàsach Thabernas anns an sgìre Almería.
Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidhDeasaich
A bharrachd air sin, tha 60 Roinnean anns an dùthaich.
Daoine ainmeilDeasaich
- B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Machado.
- Rugadh Seòras Santayana a tha aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair ann am Madrid.
- Buannaich José Echegaray y Eizaguirre an Duais Nobel ann an Litreachas anns a’ bhliadhna 1904.
- Valentín González
- Francisco Franco
Faic cuideachdDeasaich
IomraidheanDeasaich
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Edward Dwelly, Illustrated Gaelic-English Dictionary, Birlinn Limited, Dùn Èideann, 2001, ISBN 1841581097
- ↑ Mongabay