Florencia (baile)
' S e baile beag ann an Caquetá, Coloimbia,[1] a th' ann Florencia. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, 517km air falbh bho Bhogotá.[2] faisg air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 242m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 24.8˚ rè na bliadhna. 'S e Florencia an 35mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh air 25 an Dùbhlachd 1902.[4]
Cur air cois | 25 dhen Dùbhlachd 1902 |
---|---|
Ainm dùthchasach | Florencia |
Dùthaich | Coloimbia |
Prìomh-bhaile de | Caquetá |
Sgìre riaghaltais ionadail | Caquetá |
Domhan-leud is -fhad | 1°36′51″N 75°36′42″W |
Cód a’ phuist | 180001–180009 |
Làrach-lìn | http://www.florencia-caqueta.gov.co/index.shtml |
Gearradh-arm | coat of arms of Florencia |
Economy of topic | economy of Florencia |
Category for maps | Category:Maps of Florencia (Caquetá) |
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 163,323 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 21,519 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Florencia (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th' ann an 0.8% agus tha 3.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.1% dhe na daoine ann an Florencia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 44.9% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Florencia. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichArauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal