Armenia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Quindío
Sgìre Eje Cafetero
Àirde 1551m
Teòthachd chuibheasach 18˚-20˚
Co-chomharran 4° 32' Tuath
75° 40' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 140 km²
Àireamh-shluaigh 280,930 (2005)
Dlùths 2,006.64/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Armenia

‘S e prìomh-bhaile na roinne Quindío, ann an Coloimbia,[1] a th’ ann an Armenia.[2] Tha e suidhichte aig 1,551m os cionn ìre na mara, 259km air falbh bho Bhogotá,[3] agus tha teodhachd mheadhanach dhe eadar 18° agus 22° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1889 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Bha àireamh-shluaigh dhe 280,930 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Armenia an 21mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a steidheachadh air 14 an Dàmhair 1889.[6]

Freumhan an Ainm

deasaich

Bha am baile air a bhith ainmeachadh Villa Holguín leis gur e Carlos Holguín a bha na cheann-suidhe aig àm steidheachadh a' bhaile, ach rinn na Ruisiannach droch mhort ann an Airmeinia.[7] Le sin fhuair am baile ainm eile mar chuimhne air ìobairtich a' Mhuirt.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 280,930 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 7,816 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Armenia. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.6% agus tha 3.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94% dhe na daoine ann an Armenia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 68.1% dhe na dachannan.[9]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Armenia. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica[dead link]
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Crónica del Quindío[dead link]
  7. Encyclopedia Britannica
  8. Colombia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean a-mach

deasaich

An t-sìde ann an Armenia