Valledupar
Valledupar
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cesar | ||||
Àirde | 151m | ||||
Co-chomharran | 10º 28' 37' Tuath 73 º 15' 02' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 4,307 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 10,171 (2005) | ||||
Dlùths | 2.36/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
' S e prìomh-bhaile na roinne Cesar, ann an Coloimbia,[1] a th' ann Valledupar. Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na dùthcha ri taobh na h-aibhne Ghuatapurí, 814km air falabh bho Bhogotá agus 435km bho Bhucaramanga. [2] Tha àirde meadhanach dhe 151m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisge air oirthir na Roinn Charaibeach. 'S e Valledupar an 16mh baile as motha na dùthcha.[3]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,036 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Valledupar ‘S e Tùsanaich a th' ann an 8.4% agus tha 12.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.2% dhe na daoine ann an Valledupar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 40.6% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Valledupar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichArauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal