‘S e prìomh-bhaile na roinne Norte de Santander, ann an Coloimbia,[1] a th’ ann an Cúcuta 'ku.ku.ta, neo San José de Cúcuta. Tha e suidhichte aig 320m os cionn ìre na mara is tha e 568km air falbh bho Bhogotá.[2] agus tha teodhachd meadhan dhe 28° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1733 anns an sgìre ris an canar Sliabh an Ear (Spàinntis: La Cordillera Oriental) anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan leis gu bheil am baile dìreach ri taobh na crìochan leis A' Bheiniseala. Tha àireamh-shluaigh dhe 587,676 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[3] 'S e Cúcuta an 6mh baile as motha na dùthcha.[4] agus an 72mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[5] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1733.

Cúcuta
municipality of Colombia, baile mòr, border city, baile susbainteach, metropolitan area
Cur air cois17 dhen Ògmhios 1733 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deNorte de Santander Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailNorte de Santander Deasaich
Faisg air an uisgePamplonita River, Zulia River, Táchira River Deasaich
Domhan-leud is -fhad7°54′27″N 72°30′17″W Deasaich
Baile-céileComayagua Deasaich
TachartasSiege of Cúcuta Deasaich
Làrach-lìnhttp://cucuta-nortedesantander.gov.co Deasaich
Bratachflag of Cúcuta Deasaich
Geography of topicgeography of Cúcuta Deasaich
Economy of topiceconomy of Cúcuta Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Cúcuta Deasaich
Map

Freumhan an ainm

deasaich

Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho Naomh Seosaiph,[6] neo José ann an Spàinntis. Thathar ag ràdh gu bheil Cúcuta a' ciallachadh Taigh na Daoine Sìthe ann an Cànan Bari.[7] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Kuku-uta an seann ainm a bh' air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh Taigh an Diabhail[8] ann an cànan Tùsanach.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 587,676 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 20,012 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

A thaobh chinnidhean, 's iad daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cúcuta, ach tha 0.86% dhe Tùsanaich agus 1.02% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dha 92.2% dhe na daoine ann an Cúcuta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 48.5% dhe na dachannan.[10]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cúcuta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Daoine ainmeil

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Invias
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Mongabay
  6. Catholic Online
  7. Cámara de Comercio de Cúcuta
  8. Organización de Estados Iberamericanos
  9. Coloimbia Virtual
  10. Bileag fhiosrachaidh DANE
  11. Country Studies: Colombia