Cali
Cali
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Valle del Cauca | ||||
Sgìre | Cordillera Occidental | ||||
Àirde | 995m | ||||
Co-chomharran | 03° 27' 00' Tuath 76° 32' 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 562 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 2,119,908 (2005) | ||||
Dlùths | 3,772.08/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Chali |
‘S e prìomh-bhaile na roinne Valle del Cauca, ann an Coloimbia,[1] a th’ann Cali, neo Santiago de Cali (sanˈtjaɣo ðe ˈkali).[2] Tha e suidhichte aig 995m os cionn ìre na mara agus 440km air falbh bho Bhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 25° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1536 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr anns na h-Andes. Tha eaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan. Bha cunntas-sluaigh dhe 2,119,908 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh,[4] 'S e Cali an treas baile as motha na dùthcha.[5] agus an 12mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[6]
Freumhan an Ainm
deasaichMar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seumas,[7] neo Santiago ann an Spàinntis. Thathar a' creidsinn gur e facal Quechua a th'ann an eileamaid Cali, leis cho faisg 's a tha am baile ri seann chrìochan Tawantinsuyu. 'S e Cali an t-ainm a tha air abhainn a' bhaile cuideachd.[8]
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 2,119,908 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 36,737 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Cali. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.5% agus tha 26.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.9% dhe na daoine ann an Cali leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 81.9% dhe na dachannan.[10]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cali. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichDaoine Ainmeil
deasaich- Manuel María Mallarino: Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857
- Jorge Isaacs (1837 - 1895): Bàrd agus sgrìobhadair.
- Eliseo Payán: Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1887 agus 1888
- Jorge Holguín Jaramillo: Ceann-suidhe na dùthcha ann ann 1909 agus eadar 1921 agus 1922
Ceanglaichan A-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Encyclopedia Britannica[dead link]
- ↑ Invias
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Mongabay
- ↑ New Advent
- ↑ Fiosrachadh na Roinne
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal