Manizales (baile)
Manizales
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Caldas | ||||
Sgìre | Eje Cafetero | ||||
Àirde | 2160m | ||||
Co-chomharran | 5° 4' 1' 88' Tuath 75° 31' 5' 45' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 572 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 379,972 (2005) | ||||
Dlùths | 664.29/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Mhanizales |
‘S e prìomh-bhaile na roinne Caldas, ann an Coloimbia,[1] a th’ ann am Manizales.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 2160m os cionn ìre na mara faisg air a' bheinn nas àirde na dùthcha, Nevado del Ruiz, 285km air falbh bho Bhogotá.[3] Tha teodhachd meadhan dhe 18° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1849 anns an sgìre ris an canar Meadhan a’ Chofaidh (Spàinntis: El Eje Cafetero). Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air gnìomhachas a’ chofaidh. Tha cunntas-sluaigh dhe 379,972 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Manizales an 15mh baile as motha na dùthcha.[5] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1849.
Freumhan an Ainm
deasaich'S e ainm saidheansail a th' ann am Manizales. Tha e a' ciallachadh achaidhean na Clachan "Mani", clachan eit liath a tha pailt an seo.[6] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[7] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Chaparral ann an Tolima.
Sluagh a' bhaile
deasaichGed a tha 379,972 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 26,660 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Manizales, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 0.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 95% dhe na daoine ann an Manizales leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 73% dhe na dachannan.[9]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Manizales. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Oilthighean
deasaichBailtean Co-cheangailte
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Encyclopedia Britannica[dead link]
- ↑ Invias
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Manizalita.com
- ↑ Spanish about.com
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
- ↑ SisterCities
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal