Bàrdachd Ghàidhlig
13mh linn
deasaich15mh linn
deasaich16mh linn
deasaich17mh linn
deasaich18mh linn
deasaichAnns an 18mh linn, bha cuid de bhàird na Gàidhlig an sàs ann an Ar-a-mach nan Seumasach, leithid Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair agus Iain Ruaidh Stiùbhairt, a rinn strì an aghaidh arm Phrionnsa Theàrlaich Stiùbhairt. Sgrìobh Rob Donn MacAoidh bàrdachd mu dhèidhinn nan daoine is nan tachartasan anns a' bhaile far an robh e a' fuireach, agus òrain a tha fhathast gan seinn san latha an-diugh. Tha Uilleam Ros gu h-àraidh ainmeil airson a chuid bàrdachd gaoil. 'S e bàrd spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan, a sgrìobh dàin diadhaidh is leabhar-latha a' chunntais-beatha is iompachaidh chràbhaich. Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ainmeil airson a bhàrdachd nàdarrach, mar eisimpleir 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' neo 'Moladh Beinn Dòbhrain'.
Bàird ainmeil
deasaich19mh linn
deasaichAnns an 19mh linn, bha tèamannan eilthireachd, fuadaichean is atharrachaidhean sòisealta gu math pailt ann am bàrdachd na Gàidhlig. Bha Màiri Mhòr nan Òran an sàs ann an Còmhstri an Fhearainn, is sgrìobh i tòrr airson na croitearan a bhrosnachadh. Rinn bàrdachd Uilleim MhicDhunlèibhe iomradh seann eachdraidh na h-Alba, air na fuadaichean agus tachartasan co-aimsireil eile.
Bha Niall MacLeòid à Gleann Dail ainmeil mar ùghdar nan òran binne, mu dhèidhinn gaoil, Eilein Sgitheanaich agus cianalais, leithid 'An Gleann San Robh Mi Òg'.
Bàird ainmeil
deasaich20mh linn
deasaichAnns an 20mh linn, thòisich iomairt ùr ann am bàrdachd na Gàidhlig, nua-bhàrdachd, le cuspairean is dòighean-sgrìobhaidh ùr-nòsach.
Bha na bàird, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh nam measg, agus fhathast a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na h-àiteachan far an do rugadh is thogadh iad, ach ann an dòigh ùr is toinnte. 'B e cosgadh cuspair cudromach do na nua-bhàird, cuideachd. Nochd Cogadh Sìobhalta na Spàinne an an sgrìobhadh Shomhairle MhicGill-Eain agus An Dàrna Cogadh ann an sgrìobhadh MhicGill-Eain is Dheòrsa Mhic Iain Dheòrsa.
Ann an 1943, nochd a' chiad leabhar le Somhairle MacGill-Eain, Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, ann an clò, is 's e aon de na leabhraichean Gàidhlig as cudromaiche ann an 20mh linn. 'S e 'Hallaig' (1954, Gairm) le MacGill-Eain, mu dhèidhinn baile fuadaichte ann an Ratharsair, aon de na dàin Gàidhlig as ainmeile a chaidh riamh a sgrìobhadh.
A thaobh nua-bhàrdachd is litreachas Gàidhlig anns an fharsaingeachd, bha Gairm, iris ràitheil Gàidhlig, air leth cudromach. Chaidh Gairm stèidheachadh ann an 1952 le Ruaraidh MacThòmais is Fionnlagh J. MacDhòmhnaill, is bha Ruaraidh MacThòmais na neach-deasachaidh airson 50 bliadhna eile.
Thàinig an linn seo gu crìoch le duanaire ùr ann an 1991, a dheasaich Crìsdean MacIlleBhàin is a chruinnich, son a' chiad uair na bàird as cliùitiche a shoirbhich às dèidh foillseachadh Nua-Bhàrdachd na Gàidhlig. Am measg bàird An Aghaidh na Sìorraidheachd, bha Aonghas Mac Neacail, Maoilios Caimbeul, Fearghas MacFhionnlaigh is Meg Bateman. Dheasaich Raghnall MacIlleDhuibh duanaire a ghabh a-steach bàrdachd na linne air fad is dithis bhàrd nach robh ann an An Aghaidh na Sìorraidheachd; Aonghas Phàdraig Caimbeul is Rody Gorman.
Bàird ainmeil
deasaich- Anna Frater
- Aonghas Dubh MacNeacail
- Aonghas Phàdraig Caimbeul
- Calum Ruadh MacNeacail
- Catrìona NicGumaraid
- Crìsdean MacIlleBhàin
- Deòrsa Mac Iain Dheòrsa
- Dòmhnall MacAmhlaigh
- Dòmhnall Ruadh Chorùna
- Dòmhnall Mac an t-Saoir "Dòmhnall Ruadh Phàislig"
- Fearghas MacFhionnlaigh
- Iain Mac a' Ghobhainn
- Maoilios Caimbeul
- Màiri NicGumaraid
- Meg Bateman
- Mòrag NicGumaraid
- Murchadh MacPhàrlain "Bàrd Mhealaboist"
- Rody Gorman
- Ruaraidh MacThòmais
- Somhairle MacGill-Eain
- Uilleam Nèill
- Màiri Chamshron
21mh linn
deasaichDh'fhoillsich corr is aonan bhàrd air fhichead cruinneachadh ùr de bhàrdachd Ghàidhlig às dèidh 2000. B' iad Aonghas MacNeacail, Meg Bateman, Maoilios Caimbeul is Crìsdean MacIlleBhàin a lean orra an cuid bàrdachd fhoillseachadh thar deireadh an fhicheadamh linn, an taca ri Aonghas Pàdraig Caimbeul is Rody Gorman a choisinn cliù ann an Alba is dùthchannan eile.
Anns na 2010an thàinig triùir ùr am bàrr aig a bheil a' bhuaidh as motha air blas bàrdachd ùr na linne: Pàdraig MacAoidh, Niall O' Gallagher is Marcas Mac an Tuairneir, a tha air dà chruinneachadh fhoillseachadh, gach fear, gu ruige 2017. Chaidh ciad chruinneachaidhean fhoillseachadh aig an sgrìobhadair ruisg, Màrtainn Mac an t-Saoir is a' bhan-òranaiche Sandaidh NicDhòmhnaill Jones.
Chunnaicear foillseachadh bàrdachd baile, cuideachd, le cruinneachaidhean sgrìobhte aig Flòraidh NicPhàil is Dòmhnall E. Meek, am measg bhàrd eile.
Bàird ainmeil
deasaichDuanairean de bhàrdachd Ghaidhealach
deasaich19mh linn
deasaich- Sàr obair nam bàrd Gaelach, deasaichte le John MacKenzie, 1841.
20mh linn
deasaich- Bàrdachd Gàidhlig, deasaichte le William J. Watson, 1915.
- Nua-bhàrdachd Ghàidhlig, deasaichte le Dòmhnall MacAmhlaigh, Southside: 1976.
- An Aghaidh na Sìorraidheachd, deasaichte le Crìsdean MacIlleBhàin, Polygon: 1991.
- An Tuil, deasaichte le Ronald Black, Polygon: 1999.
- An Lasair, deasaichte le Ronald Black, Birlinn: 2001.
- Caran an t-Saoghail, deasaichte le Donald Meek, Birlinn: 2003.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- BBC Alba Làrach nam Bàrd: fiosrachadh, sgeulan-beatha, bàrdachd, beachdan
- Sàr obair nam bàrd Gàidhealach scan dhe air an Archive.org
- Bàrdachd Baile an Naoidheamh Linn Deug – Ath-mheasadh – tràchdas PhD le Iain Gray Howieson, Sabhal Mòr Ostaig/OGE, 2021-05-08