'S e bàrd Albannach, sgrìobhadair nobhailean, eadar-theangair agus neach-sgrùdaidh litreachail a th' ann an Crìsdean Whyte (Beurla: Christopher Whyte).

Crìsdean Whyte
Beatha
Breith Glaschu, 1952
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Budapest
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chambridge
Colaiste Naomh Aloysius
Cànain Eadailtis
Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, eadar-theangair, breithniche litreachais, sgrìobhadair agus bàrd
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu  (1990 -  2005)
Gnè ealain bàrdachd
aboutchristopherwhyte.com

Sgeul-beatha deasaich

Rugadh Crìsdean Whyte ann an 1952 ann an Glaschu, agus rinn e ceum aig Colaiste Naoimh Aloysius, agus as dèidh sin, aig Oilthigh Chambridge. Fad iomadh bhliadhna, dh'fhuirich e anns an Eadailt far an robh e a' teagasg aig Oilthigh an Roimh.[1] Thill e do dh'Alba ann an 1985 gus Litreachas na h-Alba a theagaisg aig Oilthigh Ghlaschu (1990 gu 2005.) Bhon àm sin, tha e air fuireach ann am Budapest, is ag obair mar sgrìobhadair làn-thìde.

An toiseach, dh'fhoillsich Crìsdean eadar-theangaichean bhàrdachd ùir don Ghàidhlig, a' gabhail a-steach bàrdachd le Pier Paolo Pasolini (ciad foillseachadh ann an 1990), Konstantinos Kavafis, Yannis Ritsos neo Anna Akhmatova. Às dèidh sin, dh'fhoillsich e trì cruinneachaidhean de bhàrdachd aige fhèin sa Ghàidhlig: Uirsgeul (1991), An Tràth Duilich (2002) agus An Daolag Shìonach. Tha An Daolag Shìonach a' gabhail a-steach dàintean a sgrìobh e eadar 1987 agus 1999, nach deach a chruinneachadh thuige seo, còmhla ri dàintean ùra a sgrìobh e eadar 2004 agus 2007. Aig an aon àm thòisich e rosg a sgrìobhadh anns a' Bheurla agus tha e air foillseachadh ceithir nobhailichean, Euphemia MacFarrigle and the Laughing Virgin (1995), The Warlock of Strathearn (1997), The Gay Decameron (1998) agus The Cloud Machinery (2000). Tha Crìsdean air cruinneachadh leabhraichean de Bhàrdachd ùir is air sgrìobhadh iomadh artaigilean sgrùdaidh is aistidhean.

Clàr-leabhraichean deasaich

Bàrdachd deasaich

Cruinneachaidhean deasaich

  • Uirsgeul. Glaschu: Gairm, 1991.
  • Dealbh Athar. Dublin: Coiscéim, 2009.
  • Bho Leabhar-latha Maria Malibran / From the Diary of Maria Malibran. Steòrnabhagh: Acair, 2009.
  • An Tràth Duilich. 2002.
  • An Daolag Shìonach. Deas. le Mìchel Byrne. Clò Ghille Mhoire, 2013. (le aiste ghoirid bho Niall O'Gallagher mu bhàrdachd Whyte aig deireadh an leabhair)

Dàin deasaich

  • 'Aslachadh nach biodh na h-Ainglean air an diochuimhneachadh' Gairm 158, An t-Earrach 1992, 168-9.

Rosg sa Bheurla deasaich

  • Euphemia MacFarrigle and the Laughing Virgin. Dùn Èideann: Victor Gollancz, 1995.
  • The Warlock of Strathearn. Dùn Èideann: Victor Gollancz,1997.
  • The Gay Decameron. Dùn Èideann: Victor Gollancz, 1998.
  • The Cloud Machinery. Dùn Èideann: Victor Gollancz, 2000.

Aistean deasaich

  • [gun tiotal] ann an Unstated: Writers on Scottish Indepedence. Deas. le Scott Hames. Word Power Books, 2012, dd.193-8.

Breithneachadh litreachais deasaich

  • Modern Scottish Poetry. Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2004.

Mar neach-deasachaidh deasaich

  • An Aghaidh na Sìorraidheachd: Ochdnar bhard Gàidhlig / In the Face of Eternity: Eight Gaelic poets. Dùn Èideann: Polygon, 1991.
  • Somhairle MacGill-Eain. Dàin do Eimhir / Poems to Eimhir. Glaschu: Association for Scottish Literary Studies, 2002.
  • Somhairle MacGill-Eain. An Cuilithionn 1939: The Cuillin 1939 & Unpublished Poems. Glaschu: Association of Scottish Literary Studies, 2011.
  • Somhairle MacGill-Eain. Caoir Gheal Leumraich / White Leaping Flame: Collected Poems in Gaelic with English Translations. Deas. le Crìsdean Whyte is Emma Dymock. Dùn Èideann: Polygon, 2011.

Iomraidhean deasaich

  1. (1988) "Contributors," Studies in Scottish Literature 23:1, 317. ri fhaighinn an seo
  • Black, R. 1999. An Tuil Polygon, d.811-2.

Ceanglaichean a-mach deasaich