Iain Ruadh Stiùbhart
B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Iain Ruadh Stiùbhart (1700-52). Rugadh e ann an Cinn a' Chàrdainn. Fhuair e foghlam math gu leòr, agus an uair sin fhuair e coimisean ann an Rèisimeid nan Royal Scots Greys. Chaidh a chur an greim mar neach-brathaidh Seumasach, ach theich e dhan Fhraing, far an robh e an sàs ann am Blàr Fontenoy (Battle of Fontenoy), is esan a' sabaid an aghaidh nam Breatannach. Ann am Bliadhna Theàrlaich, bha na àrd-oifigear, os cionn Rèisimeid Dhùn Èideann as leth a' Phrionnsa. Às dèidh Blàr Chùil Lodair, bhris e adhbrann, ach sheachain e saighdearan an riaghaltais a bha an tòir air. Às dèidh greis, dh'fhalbh e còmhla ris a' Phrionnsa dhan Fhraing. 'S e duine uasal a bh' ann, agus saighdear math dìleas. Tha e ainmeil a-nis airson nan dàn a sgrìobh e mu dheidhinn Blàr Chùil Lodair, nam measg "Latha Chùil Lodair".
Iain Ruadh Stiùbhart | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Ceann Chàrdainn, 1700 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Bàs | 1752 | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | oifigear, sgrìobhadair agus bàrd | ||
Gnè ealain | bàrdachd | ||
Seirbheis san arm | |||
Strì |
Blàr Chùil Lodair Blàr na h-Eaglaise Brice Blàr Sliabh a' Chlamhain Arrabhaig Sliabh Clifton |
Dàin
deasaich- Clann Chatain an t-Sròil: An Lasair d.164-173
- Litir Iain Ruaidh le Barabal Fhriseal: An Lasair
- Ùrnaigh Iain Ruaidh: An Lasair d.180-181
Iomraidhean
deasaich- Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)