'S e neach-naidheachd, eadar-theangaire agus bàrd a th' ann an Niall O'Gallagher (1981). Tha e ag obair mar neach-naidheachd poileataigeach airson BBC Alba.

Niall O'Gallagher
Beatha
Breith Dùn Èideann, 1981
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, literary scholar (en) Translate, naidheachdair-bheachdan, bàrd, eadar-theangair agus man of letters (en) Translate
Àitichean-obrach Alba
Gnè ealain bàrdachd

Foghlam

deasaich

Fhuair e foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu, far an do dh'ionnsaich e Gàidhlig. Rinn e ceum MA (le Urram) ann an litreachas Beurla agus Albannach. Tha an tràchdas PhD aige a' sgrùdadh nobhailean Alasdair Gray. Bha e na neach-teagaisg ann an Oilthigh Ghlaschu bho 1999 gu 2007.[1]

Bàrdachd

deasaich

Ann an 2009, fhuair Niall O'Gallagher duais bho Chomhairle nan Leabhraichean airson sgrìobhadairean ùra.[1] Ann an 2011, ghabh e pàirt ann an Cuairt nam Bàrd ann an Èirinn.[1] Chaidh a' chiad leabhar aige, Beatha Ùr, fhoillseachadh ann an 2013 le CLÀR. Bhon uair sin, tha dà leabhar eile air nochdadh: Suain nan Trì Latha (2016) agus Fo Bhlàth (2020).[2] Tha e air a bhith ag eadar-theangachadh bàrdachd Chrìsdein MhicIlleBhàin gu Beurla, mar eisimpleir an dàn fada "Ceum air Cheum".

Chaidh e na chiad Bàrd Baile Ghlaschu ann an 2019.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Scottish Poetry Library: Niall O'Gallagher
  2. Lisa Storey agus Catriona Mhoireach (2021): Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna: CLÀR - 25 years of Gaelic publishing. CLÀR, td. 10. ISBN 978-1838233709. 
  3. The first Gaelic Poet Laureate has been announced”, Glaschu Beò. 27mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2019. 

Ceanglaichean a-muigh

deasaich