'S e sgrìobhadair agus seinneadair Sasannach a th' ann am Marcas Mac an Tuairneir a rugadh ann an Eabhraig (28mh den t-Samhna 1984).

Marcas Mac an Tuairneir
Beatha
Breith Eabhraig, 28 dhen t-Samhain 1984
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Cailleannach Glaschu
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
marcasmac.scot

Bidh Mac an Tuairneir a' sgrìobhadh is a' foillseachadh ann an Gàidhlig is Beurla.

A bheatha deasaich

Ghabh e foghlam bho Oilthigh Obar Dheathain, a' crìochnachadh maighstireachd ann an Gàidhlig is Spàinntis ann an 2008.[1] Cheumnaich e le iar-cheum Eòlas na h-Èireann is na h-Alba bhon aon oilthigh ann an 2010[1] agus sgrìobh e tràchdas mun tèama co-sheòrsachd anns a' bhàrdachd aig Crìsdean Mac Ille-Bhàin is Cathal Ó Searcaigh. Rinn e maighstireachd ann an Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu eadar 2011 is 2012, far an do choisinn e sgoilearachd bho MG Alba.[2][1] Bidh e a' fuireach ann an Dùn Èideann far a bheil e na thagraiche ollamhachd ann an Roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Foillsichidh a cuid rannsachadh fo ainm Bheurla (Mark Spencer-Turner) le prìomh-ùidh rannsachaidh aige ann an litreachas ùr-nòsach na Gàidhlig is chànanan eile.

Bàrdachd deasaich

Tha bàrdachd Mhic an Tuairneir air a nochdadh ann an Cabhsair, Irish Pages is ann am Poetry Scotland, am measg grunn eile. Chaidh a' chiad chruinneachadh aige, 'Deò'[3], fhoillseachadh ann an 2013.[1] Chaidh an dàrna cruinneachadh aige, 'Lus na Tùise' fhoillseachadh ann an 2016. Cho-sgrìobh e am pamflaid trì-chànanach sa Ghàidhlig, Bheurla is Bheurla Ghallta 'heelster-gowdie / beul-fo-bhonn' leis a' bhàrd Stuart A. Paterson.

Ann an 2014 choisinn e duais na bàrdachd aig Salon Litreachas na Gàidhealtachd agus duais Baker na Gàidhlig aig Seòmar Leughadh an Eilein Sgitheanaich[1]. Ann an 2015 fhuair e dàrna àite ann am farpais nàiseanta Uilleim Blake, son a chuid bàrdachd sa Bheurla.[1] Bha e air geàrr-liosta duais na Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige ann am 2015 agus 2016 is choisinn e an duais ann an 2017. Ann am 2012 bha e air geàrr-liosta son Comórtas Filíochta an Chornéil Uí Néill[2] agus, ann an 2016, air geàrr-liosta an farpais Dhughlas de hÍde aig Fèis Litreachas Bhaile na mBuillí, an dà chuid stèidhichte ann an Èirinn. Ann an 2016 bhuannaich e am farpais 'Write Up North!" aig Co-nasgadh nan Sgrìobhaichean Albannach.[1]

Bidh e a' sgrìobhadh critig ealain is chaidh aistidhean aige fhoillseachadh ann an Bella Caledonia, Cothrom Ùr agus Dàna.[1] 'S esan deasaiche na Gàidhlig den iris bàrdachd 'Poblachd nam Bàrd.'

Dràma deasaich

Choisinn Mac an Tuairneir duais Dràmaire Ùr na Gàidhlig ann an 2016 aig Playwrights' Studio Scotland agus Comhairle nan Leabhraichean. Tha e air trì dealbhan-cluiche a sgrìobhadh.

Choisinn e duaisean nan dealbhan-cluiche as fhearr aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail, da bhliadhna le chèile, ann an 2016 is 2017.

Nochd 'Diuchdadh' ann an Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis, ann am Màrt 2016, fo stiùir Mhic an Tuairneir fhèin. 'S e dealbh-chluich sgrìobhte ann am bàrdachd a tha san obair seo. 'S iad 'Tilleadh' is 'Tìoradh' na dealbhan-cluiche eile aige.[1]

Ceòl deasaich

Tha Mac an Tuairneir na bhall den chòmhlan Trosg is tha air bhith ann sàs ann an Celtic Connections, Fèis Bhealadruim is iomadach chuirm eile am measg chuirmean air feadh Alba. Ann an 2016 bha e ann an cuairt dheireannaich bonn òr a' Chomuinn Ghàidhealaich far an do sheinn e 'Cumha an t-Seana Ghàidheal' is 'Cànan nan Gàidheal.'

Tha a chuid bhàrdachd air a bhith ga thionndadh gu òrain le tòrr cheòladairean is Ceitidh Chaimbeul, Malina Dhòmhnallach is Gillie NicCoinnich nam measg. Tha cleamhnas cruthachail stèidhichte eadar e fhèin is an òranaiche Màiri Anna NicUalraig is còmhla tha iad air dà òran a chur air dòigh: 'Ainneamhag' leis an d' fhuair Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis an dàrna àite am farpais MhicShimidh is Tulaich Bhàrdainn ann an 2016, 'Grioglachan', mar chuimhneachain air Magaidh Dhòmhnallach, nach maireann, is a nochdas air a' chlàr ùr aig Màiri Anna fhèin, 'An Dàn.' Tha e òrain a sgrìobhadh le Marit Falt is Rona Wilkie, Padruig Moireasdan is Paul Walker. Bhuannaich e duais an òrain ur as fhearr den bhliadhna aig a' Mhod Naiseanta Rioghail ann an 2018, le 'Òran na Bana-ghaisgiche Ghaidhealaiche', a cho-sgrìobh e le Julie NicPhaidein.

Tha Mac an Tuairneir na bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis.[1]

Sgrìobhaidhean deasaich

  • Mac an Tuairneir, Marcas. (2013). Deò ([Ochtertyre, Crieff]: Grace Note Publications) ISBN 978-1-907676-39-0 (leabhar dà-chànanach)
  • Mac an Tuairneir, Marcas. (2016). Lus na Tùise ([Halafacs, Alba Nuadh]: Grace Note Publications) ISBN 978-0-9950998-4-5 (leabhar dà-chànanach)
  • Mac an Tuairneir, Marcas. (2017). heelster-gowdie / beul-fo-bhonn ([Kiltalirty, Siorrachd Obar Dheathain]: Tapsalteerie) ISBN 978-0-9950998-4-5 (pamflaid tri-chànanach)

Iomraidhean deasaich

  1. 1.00 1.01 1.02 1.03 1.04 1.05 1.06 1.07 1.08 1.09 Marcas Mac an Tuairneir(Beurla). Playwrights' Studio, Scotland. Air a thogail 2016-30-10.
  2. 2.0 2.1 Marcas Mac an Tuairneir”. Grace Note Publications. Air a thogail 30mh dhen Dàmhair 2016.
  3. Page, Andrew (7mh dhen Lùnasdal 2014): “A Gay Gael: A review of the first gay poetry collection in Gaelic(Beurla). KaleidoScot. Air a thogail 30mh dhen Dàmhair 2016.