'S e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Uilleam MacDhunlèibhe (1808-1870), neo William Livingstone sa Bheurla. Rugadh e ann an Cill a-Rubha, Ìle. Bha e ag obair mar thàillear, ach dh'ionnsaich e tòrr leis fhèin mu dhèidhinn eachdraidh, litreachas agus cànain, mar eisimpleir Laideann, Greugais neo Fraingis.

Uilleam MacDhunlèibhe
Beatha
Breith Bogha Mòr, 1808
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs 1870
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Gnè ealain bàrdachd

Cuspairean

deasaich

Gu tric, bha e a' sgrìobhadh mu dhèidhinn seann eachdraidh na h-Alba, gu sònraichte mu dhèidhinn cogaidhean is blàir, mar eisimpleir 'Blàr Thràigh Ghruinneaird', is tha faireachdainn nàiseantach làidir anns a bhàrdachd. Uaireannan, tha e a' toirt dealbh air fuadach nan Gàidheal, mar eisimpleir ann an 'Fios chun a' Bhàird'. Bha ùidh ann an suidheachadh na h-Èireann cuideachd, is tha sin a' nochdadh, mar eisimpleir, ann an dàin 'Èirinn a' gul'.

Sgrìobhaidhean mu a dhèidhinn

deasaich
  • MacGill-Eain, Somhairle. "The Poetry of the Clearances". Ris a’ Bhruthaich. Criticism and Prose Writings. Stornoway: Acair, 1985.
  • Meek, Donald E. Tuath is Tighearna / Tenants and Landlords. An Anthology of Gaelic Poetry of Social and Political Protest from the Clearances to the Land Agitation (1800 – 1890). Edinburgh: Scottish Academic Press, 1995.
  • Whyte, Christopher. William Livingstone / Uilleam MacDhunlèibhe (1808-1870): A Survey of his Poetry and Prose. Tràchdas PhD, Oilthigh Dhùn Èideann, 1991.

Ceanglaichean a-mach

deasaich