Niall Mòr MacMuireadhaigh
(Air ath-sheòladh o Niall Mòr Mac Muireadhaigh)
Bha Niall Mòr MacMuireadhaigh (no MacMhuirich) (c.1550-an dèidh 1613) air aon de na filidhean mu dheireadh a bhuineadh do Chlann Mhuirich (sliochd an fhilidh ainmeil Muireadhach Albanach Ó Dálaigh). Tha co-dhiù ceithir da chuid dhàn air tighinn a-nuas thugainn, nam measg an dàn gràidh ainmeil ‘Soraidh slàn don oidhche a réir’. A rèir dualchas an teaghlaich, bha ochd ginealach deug eadar Niall Mòr agus Muireadhach Albanach, a thàinig a dh’Alba còrr is trì cheud bliadhna ro linn Nèill Mhòir.
Niall Mòr MacMuireadhaigh | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 1550 |
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba |
Bàs | 1613 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |