B' e Iain Lom (Iain MacDhòmhnaill) (mu 1624 - mu 1710) aon de bhàird as motha na seachdamh linne deug. B' e sloinneadh Iain: "Iain mac Dhòmhnaill mhic Iain mhic Dhòmhnaill mhic Iain Àlainn".[1]

Iain Lom
bàrd cùirt

Beatha
Breith Dama an Lagain, 1624
Dùthaich  Alba
Bàs 1710
Àite-adhlacaidh Cille a' Choirill
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd
Àitichean-obrach Alba
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach

Fhuair e an leth-ainm, Iain Lom air sgàth an dara cuid geurachd a theanga no luime aodainn. Bhuin e do Chlann Dòmhnaill.

Chruthaich e mu 3000 sreath a th' air maireann an diugh, a bheir iomradh air eachdraidh agus poileataics Gaidhealach, mar Mort Ghlinn Comhann agus na Cogaidhean Mhon Rois, agus gu h-àraid blàir nan Gaidheal, mar eisimpleir Là Inbhir Lochaidh. Tha bàrdachd aige anns an Cruinneachadh MhicLathagain.[2]

Cladh Chille a' Choirill far a bheil uaigh Iain Lom a-rèir beul-aithris

Tha cainnt a bhàrdachd gu tric nimheil is fuilteach.

Bàrdachd

deasaich
  • "Là Inbhir Lòchaidh"

Foillseachaidhean

deasaich
  • Mackenzie, Annie M. (ed.) 1964. Orain Iain Luim: Songs of John MacDonald, Bard of Keppoch (Edinburgh: Scottish Gaelic Texts Society)

Iomraidhean

deasaich
  1. Pròiseact Chaluim MhicGilleEathain: Iain Lom
  2. McLagan Manuscripts”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 10mh dhen t-Sultain 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich