Gairm
B' e iris ràitheil Ghàidhlig a bha ann an Gairm. Bha e air a fhoillseachadh bhon Foghar 1952 gu Foghar 2002. Stèidhichte le Ruaraidh MacThòmais agus Fionnlagh J MacDhòmhnaill, b' e Ruaraidh MacThòmais an neach-deasachaidh bhon chiad iris chun an iris mu dheireadh.
Nochd iomadh dàn Gàidhlig cudromach ann an Gairm: mar eisimpleir, "Hallaig" le Somhairle MacGill-Eain ann an 1954, bàrdachd le Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Iain Mac a' Ghobhainn, Maoilios Caimbeul, Catrìona NicGumaraid, no Ruaraidh MacThòmais fhèin. A thaobh rosg, dh'fhoillsich Gairm sgeulachdan goirid le Eilidh Watt no Iain Mac a' Ghobhainn.
B' e eadar-theangachadh (mar eisimpleir bàrdachd Anna Achmatova air a h-eadar-theangachadh le Crìsdean Whyte, Aireamh 125, Geamhradh 1983-1984) is ath-sgrùdadh litreachais Gàidhlig (le Dòmhnall Eachann Meek neo Dòmhnall MacAmhlaigh) nam pàirt cudromach dhen Gairm. Nuair a sguir Gairm, chaidh iris ùr Gath a chur air bhonn.
Luchd-sgrìobhaidh Gairme
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRannsaich tiotalan agus sgrìobhadairean nan artaigilean aig Gairm leis an:
- innseal-rannsachaidh aig DASG[dead link]
- inneal-rannsachaidh aig Am Baile
- inneal-rannsachaidh aig an GRD