Nua-bhàrdachd Ghàidhlig
'S e co-chruinneachadh de bhàrdachd deasaichte le Dòmhnall MacAmhlaigh a th' ann an Nua-bhàrdachd Ghàidhlig. Chaidh Nua-bhàrdachd Ghàidhlig fhoillseachadh ann an 1976. Airson a' chiad uair obair tharraing an leabhar còmhla còignear de na bàird as ainmeilea bhiodh a' sgrìobhadh san nòs ùr ann an Gàidhlig[1]: Deòrsa Mac Iain Dheòrsa, Somhairle MacGill-Eain, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh fhèin. Sgrìobh Dòmhnall MacAmhlaigh ro-ràdh anns a bheil e a' mìneachadh eadar-dhealachaidhean eadar bàrdachd thradaiseanta agus nua-bhàrdachd ann an Gàidhlig.