'S e bàrd Gàidhealach spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan (17162 an t-Ògmhios 1768).

Dùghall Bochanan
Beatha
Breith Both Chuidir, 1716
Dùthaich  Alba
Bàs 1768
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, sgrìobhadair, eadar-theangadair a' Bhìobaill agus bàrd
Fastaichean A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh
Gnè ealain bàrdachd

Sgeul-beatha

deasaich
 
Ceann Loch Raineach

Rugadh e ann an 1716 ann am Both Chuidir ann an Siorrachd Pheairt. Ann an 1749, phòs e ri tè air an robh Mairead Brisbane. Ann an 1751, fhuair e obair bhon Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh mar thidsear ann an Ceann Loch Raineach. An ceann sreath, fhuair e obair mar Cheistear anns an sgìre sin cuideachd. Bha e 'n sàs ann an eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig còmhla ri Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn.[1] Rinn Seumas Stiùbhart an eadar-theangachadh agus bha Dùghall Bochanan a' mharasglachadh an obrach. Dh’fhoillsich Bochanan leabhar de na laoidhean spioradail ann an 1767 ann an Dùn Èideann. Chaochail e ann an 1768 (bha e dìreach 52 bliadhna a dh'aois) agus chaidh a thìodhlacadh ann an cladh faisg air Calasraid.

Laoidhean

deasaich
  • Mòrachd Dhè
  • Fulangas Chrìost
  • Latha a' Bhreitheanais
  • Am Bruadar[2]
  • An Gaisgeach
  • An Claigeann
  • Am Geamhradh
  • Ùrnaigh

Leabhar-chlàr

deasaich
  • Bochannan, Dughall (1773): Laoidh spioradail. Duinedin: Clodh-bhuailt le Eoin Reid. 
  • Bochanan, Dugall (1908): The Life, Conversion and Spiritual Hymns of Dugald Buchanan: Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bochannain. Edinburgh: John Grant. 

Sgrìobhadh mu a dheidhinn

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Dugald Buchanan: Biography”. Undiscovered Scotland. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2018.
  2. (2001): ann an: Black, R.: An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse. Edinburgh: Birlinn, td. 246–253. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich