Piedras (Tolima)
‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th' ann Piedras, neo San Sebastián del Río de las Piedras o shin. Tha e suidhichte aig 403m os cionn ìre na mara aig astar dhe 47km bho Ibagué, prìomh-bhaile na roinne 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1552.
Dùthaich | Coloimbia |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Tolima |
Domhan-leud is -fhad | 4°32′36″N 74°52′40″W |
Làrach-lìn | http://www.piedras-tolima.gov.co/index.shtml |
Freumhan an Ainm
deasaich'S e Itandaima an t-ainm tùsail a bha air an àite seo, neo dìreach an t-ainm a bha air na Tùsanaich a bha nan tàmh an seo mus do ràinig na Spàinntich.[2] Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, chaidh ainm a' bhaile a dh'atharrachadh gu San Sebastián del Río de las Piedras. Tha dà fhacal Spàinntis anns an ainm sin: río (abhainn) bhon fhacal Laideann rius[3] agus piedra (clach) bhon fhacal Laideann petra.[4]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 5,427 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 3,804 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Ach ‘s e baile agus sgìre traidiseanta dùthchasail a th' ann Piedras fhathast.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Piedras ach tha 0.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. 'S urrainn dhan 84.3% dhe na daoine ann an Piedras leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 27.1% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Piedras. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.