'S e Coloimbia Mhòr (Spàinntis: La Gran Colombia) ainm eachdraidheil airson Stàit uabhasach mòr crìochnaichte a chaidh a chruthachadh ann an 1821 leis a' Cho-chruinneachadh Cúcuta. Chaidh an t-ainm Poblachd na Coloimbia (Spàinntis: República de Colombia) a thoirt air an dùthaich ùr. Thathar a' cleachdadh an t-ainm Coloimbia Mhòr ann an dòigh eachdraidheil airson sgaradh a dhèanamh eadar Coloimbia o shean agus Coloimbia [1] an latha an-diugh.

Coloimbia Mhòr
Gran Colombia
 Flag of Spain (1785–1873, 1875–1931).svg 18191831 Flag of New Granada.svg 
Flag of the Gran Colombia.svg Coat of arms of Gran Colombia (1821).svg
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Gran Colombia map.jpg
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1819
Bliadhna mu Dheireadh 1831
Prìomh-Bhaile Bogotá
Càna(i)n Oifigeil Spàinntis

Cha robh a' Phoblachd sin ann, gu laghail, ach eadar 1821 agus 1831, agus chaidh e a stèidheachadh air aonadh na seann roinnean Spàinnteach dhe Leas-Rìoghachd Ghranada Ùire, Caipteineachd Choitcheann na Bheiniseala agus Ceannas Quito, a bharrachd air an Roinn Shaor Guayaquil. Bha tìrean am broinn na Stàite a tha a-nis ann an dùthchannan mar Choloimbia, A' Bheiniseala, Eacuador agus Panama a bharrachd air sgìrean beaga dhe Costa Rica, Pearu, Braisil, Guiana agus Niocaragua.

Chaidh Stàit ùr a mholadh aig a' Cho-chruinneachadh Angostura ann an (1819), [2] ach cha do deach sin a chur air bhog gu ruige a' Cho-Chruinneachaidh ann an Cúcuta, far an do deach Bun-reachd a sgrìobhadh.[3]

Chaill Coloimbia Mhòr a-mach à chèile aig deireadh na 1820an agus toiseach na 1830an air sàilleibh eadar-dhealachaidhean do-rèiteachail mòra aig ìre poilitigeach taobh feadaraileachd agus meadhanachadh an Riaghaltais, a bharrachd air frionas roinneil eadar sluaghan eadar-dhealaichte am broinn na Poblachd.[4] 'S e Poblachd Ghranada Ùire a bha air an dùthaich na bu lugha ùr.

IomraidheanDeasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Efemeridades
  3. Colombia Link
  4. Colombia Link