El Cocuy
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Boyacá
Sgìre Gutiérrez
Àirde 2700m
Co-chomharran 06º 24' 48' Tuath
72' 26' 59' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 253 km²
Àireamh-shluaigh 5,582 (2005)
Dlùths 22.06/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th'ann El Cocuy. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha mu 500km air falbh bho Bhogotá.[2] Tha àirde meadhanach dhe 2,700m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde fhuar a th' ann le teodhachd mu 14˚ thar cheann. A bharrachd air sin , tha teodhachd mu -3˚ ann air na beanntan mu thimcheall a' bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1679.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 5,582 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 2,902 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an El Cocuy, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus o.1% dhedaoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.8% dhe na daoine ann an El Cocuy leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 30.4% dhe na dachannan.[5]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an El Cocuy. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Santos Gutiérrez Prieto (1820 - 1872): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1868 agus 1870.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Nevados.org[dead link]
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann an El Cocuy

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: