Málaga
Málaga
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Málaga | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 36° 43’ 10 Tuath 04° 25′ 12 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 395 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 568,305 (2009) | ||||
Dlùths | 1,438.75/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 952 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.malaga.eu |
‘S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Málaga (IPA: 'malaɣa). Tha e suidhichte aig dìreach11m os cionn ìre na mara air Oirthir na Grèine (Spàinntis: Costa del Sol), 153km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 209km bho Shevilla.[1] Tha am baile ann an taobh a deas Andalusia. Tha 568,305 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[2] an darna baile as motha ann an Andalusia agus an 6mh baile as motha na Spàinne. [3]
Freumhan an ainm
deasaich‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à m-l-k (Gàidhlig: Rìgh, riaghladh no rìoghachd) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[4] A bharrachd air sin, b’ ann à Tyros a bh’ ann na luchd-in-imrich sin agus b’ e Melqart (Dia a’ bhaile) a bhìte ag adhardh an sin.[5] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à mlh (Gàidhlig: Salainn) no mlgh (tionndaidh) a tha e oir thathar air lorgan obair-mheatailt fhaighinn an seo. Sgrìobhadh مالقة ann an Arabais, a thug Málaga dhuinn an latha an-diugh.
Eachdraidh
deasaichChuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[6]
Cruinn-eòlas
deasaichA rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Málaga.[7] Cha tuit ach 534mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 639mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite tioram a th' annː
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
- ↑ Rodríguez Oliva, Pedro (2007). Historia de Málaga. Málaga en la antigüedad. Prensa Malagueña S.A.
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Aemet