Jorge Robledo (ceannsaiche)
B' e saighdear agus ceannsaiche às An Spàinn (Castilla) a bh' ann an Jorge Robledo (Úbeda, mu 1500 - La Merced, 1546). Rugadh e ann an Jaén, tè dhe na h-ochd roinnean ann an Andalusia ann an ceann a deas na Spàinne an latha an-diugh, ach chan eil cinnte againne air ceann-latha a bhreith, ach bha freumhan flaitheil aige. Phòs e aig María de Carvajal y Mendoza.[1] Bha e na cheann-feachdan anns na cogaidhean anns An Eadailt, far an do bhuannaich na Spàinnteach. Cha robh àite aige ann an ceannsachaidhean an t-Saoghail Ùire anns an sgìre Paisa ann an Coloimbia a-mhàin. Bha e eadar an fheadhainn a rinn taisgleadh Nueva Galicia cuideachd (far a bheil sgìre mòra Mheagsago an latha an-diugh),[2] bha e an sàs anns a' cheannsachadh Ghuatemala, Cath Cajamarca ann am Pearu, agus 's dòcha gun do dh'aontaich e fhèin leis an airm aig Sebastián de Belalcázar, is iad a' sìreadh Eldorado. Stèidhiche e Santa Fe de Antioquia.
Jorge Robledo (ceannsaiche) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Úbeda, 1500 |
Dùthaich | Crùn na Castilla |
Bàs | Alto de Pozo (en) , 5 dhen Dàmhair 1546 |
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (dì-cheannachadh) |
Foghlam | |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | taisgealaiche agus luchd an airm |
Far-ainmean | El Mariscal agus Conquistador de Antioquia |
Seirbheis san arm | |
Ìre |
captain (en) marasgal |
Strì |
Italian War of 1521–1526 (en) Battle of Cajamarca (en) |