Francis Hutcheson
B' e feallsanaiche à Alba a bha ann am Francis Hutcheson. Rugadh e ann an Èirinn ann an 1694 far an robh athair na mhinistear. Chaidh e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu ach thill e gu Èirinn far an d' fhuair e ceadachas searmonachaidh. Cha deach e na mhinistear ach stèidhich e acadamaidh prìobhaideach ann am Baile Átha Cliath.[1] Lean e Gershom Carmichael mar ollamh ann am beus-eòlas ann an 1729. Bha e na chiad ollamh aig Oilthigh Ghlaschu a theagaisg ann am Beurla seach Laideann.[2] Bha Adam Smith am measg nan oileanach aige.[1]
Francis Hutcheson | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Druim an Laig agus Saintfield (en) , 8 dhen Lùnastal 1694 |
Dùthaich |
Rìoghachd na Breatainne Mòire Poblachd na h-Èireann |
Bàs | Baile Àtha Cliath, 8 dhen Lùnastal 1746 |
Àite-adhlacaidh | St. Mary's Church, Dublin (en) |
Teaghlach | |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu (1710 - 1716) |
Oileanaich dotaireachd | Adam Smith |
Cànain |
Beurla A' Bheurla Ghallta |
Luchd-teagaisg | Gershom Carmichael |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche, eaconamaiche, diadhair, sgrìobhadair agus neach-teagaisg oilthigh |
Àitichean-obrach | Baile Àtha Cliath, Glaschu agus Alba |
Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu (1729 - |
Creideamh | |
Creideamh | Seanaireachd |
Tha e ainmeil airson nan obrach mu fheallsanachd-mhaise agus beus-eòlas, m. e. An Inquiry into the Original of our Ideas of Beauty and Virtue, Reflections upon Laughter agus Remarks on The Fable of the Bees, Essay on the Nature and Conduct of the Passions with Illustrations on the Moral Sense agus A System of Moral Philosophy a chaidh fhoillseachadh an dèidh bàis ann an 1755.[3]
'S dòcha b' e a' chiad dhuine a chleachd an abairt the greatest happiness for the greatest number of people.[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Francis Hutcheson 1694-1746, Scottish philosopher”. International Association for Scottish Philosophy. Air a thogail 26mh dhen Dàmhair 2017.
- ↑ “Francis Hutcheson (1694-1746)”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 26mh dhen Dàmhair 2017.
- ↑ Broadie, Alexander: “Scottish Philosophy in the 18th Century”. Stanford Encyclopedia of Philosophy. Air a thogail 26mh dhen Dàmhair 2017.
- ↑ Fleischacker, Samuel: “Adam Smith's Moral and Political Philosophy”. Stanford Encyclopedia of Philosophy. Air a thogail 27mh dhen Dàmhair 2017.