B’ e Jean-Jacques Rousseau (Genève, 28 an t-Ògmhios 1712Ermenonville, 2 an t-Iuchar 1778) sgrìobhadair agus feallsanaiche à Genève san Eilbheis.[1]

Jean-Jacques Rousseau
Jean-Jacques Rousseau (painted portrait).jpg
Beatha
Breith Geneva, 28 dhen Ògmhios 1712
Dùthaich Poblachd Geneva
 An Fhraing
Àite-fuirich Torino
Staffordshire (en) Translate
Ciad chànan Fraingis
Bàs Ermenonville, 2 dhen Iuchar 1778
Àite-adhlacaidh fàs-chàrn Jean-Jacques
Panthéon (en) Translate
île des Peupliers (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stad a' chridhe)
Teaghlach
Athair Isaac Rousseau
Cèile Thérèse Levasseur (en) Translate  (30 dhen Lùnastal 1768 -
Càraid Françoise-Louise de Warens
Foghlam
Cànain Fraingis
Oileanaich Louis Stanislas de Girardin
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, lus-eòlaiche, ceòl-sgrìobhaiche, coireògrafaiche, sgrìobhadair, eòlaiche-ciùil, neach-litreachais, nobhailiche, fèin-bheatha-eachdraiche, teòirigiche ciùil, oide-eòlaiche, eòlaiche nàdair, sgrìobhaiche-dràma, encyclopédistes (en) Translate, correspondent (en) Translate, neach-saidheans poileataigeach, aistear agus sgrùdair ciùil
Obraichean comharraichte Emile, or On Education (en) Translate
The Social Contract (en) Translate
Gluasad cùmhnant sòisealta
ceòl barocach
Creideamh
Creideamh Pròstanachas
Caitligeachd
Pròstanachas
IMDb nm0003707
Jean-Jacques Rousseau Signature.svg

BeathaDeasaich

Bhuineadh Rousseau do theaghlach iriseal Pròstanach. Bha athair na uaireadairiche agus chaill e a mhàthair nuair a bha e uabhasach òg. 'S piuthar-athar a thog e suas. Cha do deach e idir chun an oilthigh ach bha e na fhoghlainnteach fo nòtair.

Dh’fhàg e Genève ann an 1728 is chaidh e chun na Frainge. Chuir e seachad mòran bhliadhna an siud is e a’ fuireach ann an Chambéry, far a leughadh e tòrr is far an do leig e dheth a’ Phròsdanachas. Bha e fo bhuaidh a’ Bhan Iarla Warens, a leannan. Ann an 1742 chaidh e gu Paras. Chruthaich e siostam ùr airson ceòl a sgrìobhadh is bha e na rùnaire Tosgair na Frainge ann an Venise fad bliadhna. Phòs e le Thérèse Levasseur ann an 1768 an dèidh còignear chloinne fhaighinn leatha.

Bha e an sàs ann an Encyclopédie a chuir D’Alembert agus Diderot air dòigh agus fiù 's bhuannaich e duais airson a’ chiad rud a sgrìobh e, air an robh Discours sur les Sciences et les Arts, ann an 1750. Thill e gu Genève ann an 1752. B’ fheudar dha a ghabhail ris a’ Phròstanachas gus a chuid chòirichean mar neach-dùthcha fhaighinn air ais. 'S ann an-siud far an do sgrìobh e leabhar eile, Discours sur l’origine de l’inégalité entre les Hommes ann an 1755. Bha Rousseau dhen bheachd gur e creutair sona sunndach nàdarra a bh' ann na daoine, is gur e dìreach saoghal nan daoine fhèin a bha a’ cur dragh oirnne.

Sgrìobh e dà leabhar cudromach ann am Montmorency, nuair a bha e na thàmh aig taigh Madame D’Epinay. Julie ou la nouvelle Eloise (1761) Ann an Du Contract Social (1762) sgrìobh e mu dheidhinn na daoine anns a’ chomann shòisealta, saorsa agus ar dleastanasan. Ann an Emile ou de l’Education (1762) bheachdaich e mu dheidhinn an Fhoghlaim is na creideamhan. Fhuair a dubh-chàineadh bho ùghdarrasan na dùthcha is b’ fheudar do Rousseau An Eilbheis fhàgail. Chaidh e thall gu Breatainn còmhla ri David Hume. Thug an nobhaileag bheag Lazarillo de Tormes buaidh uabhasach fhèin làidir airsan.

Thill Rousseau gu Paris ann an 1770 is bhàsaich e ann an Ermenonville ann an 1778.

CreideamhDeasaich

Cha chuireadh idir Rousseau a chuid earbsa ann an creideamh nan daoine (eaglaisean) neo fiù 's anns na leabhraichean cràbhach (uile air an eadar-theangachadh). Tha fhios againn gun do thionndaidh Rousseau gu bhith na Chaitligeach nuair a bha e dìreach 17, ged an do thogadh e ann an Genève Pròstanach. Ach leig e dheth an Eaglais Chaitligeach nuair a bha e 42 ans, air adhbharan poilitigeach. Ann an 1768 phòs e ri Thérèse Levasseur aig Taigh-cùirte ann am Bourgoin, san Fhraing, ach cha d’ fhuair am pòsadh sin beannachadh na h-eaglaise idir, is le sin, a-rèir na laghan a bh' ann aig an àm sin, cha robh am pòsadh laghail co-dhiù. Mar a thuirt esan fhèin: S’ e Crìosdaidheachd a th’ annam, fìor Chrìosdaidh a-rèir an t-soisgeul co-dhiù, ach chan eil mi nam fhear-leantail nan sagart, ach dìreach fear-leantail Iòsa-chrìosd.[2] Tha sin a’ sealltainn gur e Crìosdaidheachd anabarrach a bh' aige, as aonais sgoilearachd diadhaireachd sam bith; Dhiùlt Jean-Jacques Rousseau meadhanaireachd: gun sagartan, gun ministearan, gun diadhairean, cha robh e a’ creidsinn anns na mìorbhailean, neo ann an teagasg a’ pheacaidh-gine nas motha. 'S seòrsa dhe deism reusanta a bh' ann a chuid Chrìosdaidheachd, a fhuair e bho Bhernard Lamy agus Nicolas Malebranche.

LeabhraicheanDeasaich

  • Projet concernant de nouveaux signes pour la musique (1742)
  • Dissertation sur la musique moderne (1743)
  • Discours sur les Sciences et les Arts (1750)
  • Discours sur la vertu du héros (1751)
  • Le Devin du village (1752)
  • Narcisse ou l’amant de lui- même (1753)
  • Discours sur l'origine et les fondements de l'inégalité parmi les hommes (1755)
  • Jugement du Projet de paix perpétuelle de Monsieur l'Abbé de Saint-Pierre (1755)
  • Examen de deux principes avancés par M. Rameau (1756)
  • Dictionnaire de Musique (1755 - 1767)
  • Lettre sur la Providence (1758)
  • J.-J. Rousseau, Citoyen de Genève, à M. d'Alembert sur les spectacles (1758)
  • Lettres morales (1757 - 1758)
  • Julie ou la Nouvelle Héloïse (1761)
  • Du Contract Social (1762)
  • Émile ou de l’Education (1762)
  • Lettres écrites de la Montagne (1764)
  • Lettres sur la législation de la Corse (1764)
  • Projet de constitution pour la Corse (1765)
  • Les Confessions (1765 - 1770)
  • Considérations sur le gouvernement de Pologne (1770 - 1771)
  • Pygmalion (1771)
  • Essai sur l’origine des langues (1781)
  • Émile et Sophie, ou les Solitaires (1781)

IomraidheanDeasaich

  1. Biografías y Vidas
  2. Je suis chrétien, et sincèrement chrétien, selon la doctrine de l'Évangile. Je suis chrétien, non comme un disciple des prêtres, mais comme un disciple de Jésus-Christ.