Fosgail am prìomh chlàr-taice

B' e feallsanaiche poileataigeach a bh' ann an Friedrich Engels (IPA: fʁiːdʁɪç ˈɛŋəls, Barmen, 28 an t-Samhain 18205 an Lùnastal 1895). Bha e gu mòr an sàs ann an Co-mhaoineas. Sgrìobh e am Manifesto Comannach le charaid, Karl Marx.

Friedrich Engels
Engels.jpg
Beatha
Breith Barmen, 28 dhen t-Samhain 1820
Dùthaich  A' Ghearmailt
Cinneadh Gearmailtich
Ciad chànan Gearmailtis
Bàs Lunnainn, 5 dhen Lùnastal 1895
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
Athair Friedrich Engels
Càraid Mary Burns
Foghlam
Foghlam Oilthigh Humboldt Berlin
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd eaconamaiche, eòlaiche nan saidheansan sòisealta, teòirigiche poileataigeach, feallsanaiche, sgrìobhadair, rèabhlaideach, sòiseo-eòlaiche, feimineach agus neach-naidheachd
Àitichean-obrach Cathair Shaor Hanseaticeach Bremen agus Manchester
Obraichean comharraichte Am Manifesto Commanach
The German Ideology
Socialism: Utopian and Scientific
Buaidh Heraclitus a Ephesus, Ludwig Feuerbach, The Essence of Christianity agus Karl Marx
Ballrachd Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm0257290
Friedrich Engels Signature.svg

Rugadh e ann am Barmen faisg air Wuppertal ann an teaghlach beairteach. Bha earrannan ann am factaraidh ann am Manchester aig athair is thoisich e ann an gnothachas nuair nach robh e a dh'aois 17. Bha e an sàs ann am poileataigs agus sgrìobh e Litrichean bho Wuppertal ann an 1839 le ainm-brèige Friedrich Oswald.

Dh'imrich e gu Manchester ann an 1842 is e ag obair ann an gnothachas teaghlaich. Sgrìobh e aistean airson Karl Marx agus dh'fhoillsich e Die Lage der arbeitenden Klasse in England ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn') ann an 1845. Dh'imrich e gu A' Bhruiseal còmhla Marx ach thill iad gu Sasainn an dèidh nan Aramach 1848. Chuir Engels taic do Mharx, a bha ann an Lunnainn is Engels ag obair airson gnìomhachas teaghlaich ann am Manchester. An dèidh do Mharx a bhàsachadh chuir Engels crìoch air Das Kapital ('Calpa'). Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1895.[1]

ObraicheanDeasaich

  • Litrichean bho Wuppertal (1839)
  • Die Lage der arbeitenden Klasse in England ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn', 1845)
  • le Karl Marx, An Teaghlach Naomh (1845)
  • le Karl Marx, Am Beachd-smuainealas Gearmailtich (1846)
  • le Karl Marx, Am Manifesto Comannach (1848)
  • An Aghaidh Düring: Aramach Herr Eugen Dühring ann an Saidhean (1878)
  • Sòisealas: Utopiach agus Saidheansail (1880)

UrramanDeasaich

Chaidh astaroid 29829 ainmicheadh air.[2]

Engels agus AlbaDeasaich

Bha Engels den beachd gun robh cuid de na nàiseanan ann an Eòrpa - nam measg, an Gàidheal - gun eachdraidh agus mar sin gun robh iad nan ais-ghnìomhaiche gu nàdarra. Sgrìobh e ann an "Der Magyarische Kampf":

"There is no country in Europe which does not contain in some corner one or several ruins of people, left-overs of earlier inhabitants, pushed back and made subject to the nation which later became the carrier of historical development. These remains of nations which have been mercilessly trampled down by the passage of history, as Hegel expressed it, this ethnic trash always becomes and remains until its complete extermination or de-nationalization, the most fanatic carrier of counterrevolution, since its entire existence is nothing more than a protest against a great historical revolution. Such in Scotland were the Gaels, the supporters of the Stuarts from 1640 to 1745. Such in France were the Bretons, the supporters of the Bourbons from 1792 to 1800. Such in Spain were the Basques, supporters of Don Carlos. Such in Austria are the Panslavist South Slavs, who are nothing more than the waste products of a highly confused development which has gone on for a thousand years."[3]

IomraidheanDeasaich

  1. Brown, Theodore M. ⁊ Fee, Elizabeth (2003): “Friedrich Engels: Businessman and Revolutionary,” ann an: American Journal of Public Health, leabhar 93, td. 1248–1249. doi:10.2105/AJPH.93.8.1248. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.
  2. (29829) Engels = 1991 JE2 = 1999 EK3”. IAU Minor Planet Center. Air a thogail 28mh dhen t-Samhain 2019.
  3. Paul, Diane (1d dhen Fhaoilleach 1984): “"In the Interests of Civilisation": Marxist Views on Race and Culture in the 19th Century,” ann an: Fàsgadh Oilthigh Pennsylvania (Foills.): Journal of the History of Ideas, àir. 42, td. 137.