B' e tràill agus feallsanaiche à Impireachd na Ròimhe a ghabhadh ri stòthachd a bh' ann an Epictetus (Greugais: Ἐπίκτητος, Hierapolis mu 50 - Nicopolis mu 135).[1] Rugadh e ann am Phrygia, a bha na rìoghachd Ghreugach ann an Anatolia. Bha a mhàthair na tràill agus chaidh a reic gu fear beairteach anns An Ròimh air an robh Epaphroditos, rùnaire Nero. Tha an t-ainm a' ciallachadh air a cheannachd ann an Greugais. Ged a bha e na thràill, fhuair e cead ri dhol gu clasaichean feallsanachd a chumadh Gaius Musonius Rufus. Thug sin piseach air inbhe. Chaidh Epictetus a shaorachadh mu 68 agus thòisich e feallsanachd a theagasg, an t-Impire Hadrianus nam measg. B' fheudar do dh'Epictetus An Ròimh fhàgail airson Nicopolis ann an 94 nuair a dheòraich Domitianus gach uile feallsanaiche. Thug e buaidh uabhasach fhèin làidir air Marcus Aurelius.[2]

Epictetus
Beatha
Breith Hierapolis (en) Translate, 50
Dùthaich An t-Seann Ròimh
Bàs Nicopolis (en) Translate, 138
Foghlam
Cànain Seann-Ghrèigis
Luchd-teagaisg Gaius Musonius Rufus (mul) Translate
Oileanaich Arrian (en) Translate
Demonax (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche agus sgrìobhadair
Gluasad Stòthachd

Na thuirt e

deasaich

'S e gu bheil smachd againne air corra rud, agus corra rud nach eil. Tha beachdan, miannanchd, fadachd agus gràin nar cumhachd; agus, gu dearbh, gach uile rud a nì sinn. Chan eil roghainn againn a thaobh a' chuirp, airgead, glòir neo riaghaltasan: anns an dealachadh, na rudan nach dèan sinn fhìn. [3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Pedro P. Fuentes González. art. "Épictète", ann an R. Goulet, Dictionnaire des Philosophes Antiques III, Paris, CNRS, 2000, 106–151 ISBN 2-271-05748-5.
  2. Werner Sohn, Epictetus: Ein erzkonservativer Bildungsroman mit liberalen Eselsohren, Norderstedt, BoD, 2010 ISBN 978-3-8391-5231-7.
  3. Res quaedam in potestate nostra sunt, quaedam non sunt. In nostra potestate est opinio, appetitio, desiderium, averatio; et, ut uno complectar verbo, quaelibet nostrae actiones. Nostri arbitrii non sunt corpus, pecunia, gloria, imperia: ad summam, ea quae ipsi non agimus, omnia.